Jump to content

Deasbaireachd:Bùdachas

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Ainm ùr?

[deasaich an tùs]

Rinn mi an duilleag seo, ach a-nis, chan eil mi nis cinnteach gu bheil an t-aimh ceart againn an seo. Bu toil leam beachdan a chluinntinn bho chàch. 'S a' chiad dol-a-mach, creididh mi gu bheil an t-earball ceàrr. Bu chòir "achas" a bhith ann, a' leantainn a' phàtrain:

  • bròn → brònach → brònachas
  • cead → ceadach → ceadachas
  • dlighe → dligheach → dligheachas
  • toil → toileach → toileachas

... agus mar sin air adhart. Buddha → Buddhach (neach-leantainn neo buadhair) → Buddhachas (ainm na feallsanachd neo a' chreidimh). Seo mar a th' aig na h-Èireannaich cuideachd.

'S e an darna ceist, dè cruth ainm a' Buddha fhèin? Chì mi gun tèid mòran chànanan le tar-litreachadh, m.e. na h-Èireannaich: Búda.

Mar sin, an e 'Bùdachas' a bu chòir a bhith ann?--Lasairdhubh 14:08, 25 dhen Fhaoilleach 2012 (UTC)[reply]

Mòran taing son an cuireadh! Chanainn gu bheil Buddha ceart gu leòr mar a tha e, tha Búda car OTT 'nam bheachd-sa. 'S e ainm pearsanta, well, seòrsa de dh'ainm pearsanta th' ann mar Stalin > Stalinism, Thatcher > Thatcherism.
Tha thu ceart gu bheil -(e)as 'ga chleachdadh gu tric airson abstract nouns mar an fheadhainn gu h-àrd ach air adhbhar air choireigin, tha -(e)achd cumanta a thaobh chreideamhan, cf Iùdhachd "Judaism" agus Crìostaidheachd agus tha iad fiù sna faclairean fìor aosta. Leis a sin, chanainn-sa gu bheil -achd cgl ach 's e an -as a bharrachd a tha neònach. Buddhachd no Buddhachas, nach eadh? Akerbeltz (talk) 18:31, 4 dhen Ghiblean 2012 (UTC)[reply]
Rachainn fhìn le sin. Taing airson breithneachadh air a' cheist! --Lasairdhubh (talk) 03:35, 5 dhen Ghiblean 2012 (UTC)[reply]
'S e do bheath :) Akerbeltz (talk) 17:29, 5 dhen Ghiblean 2012 (UTC)[reply]