Theravada

O Uicipeid
Manach Theravada a' meòrachadh

Is i Theravada an sgoil Bhuddhach as sìne. Chaidh a stèidheachadh anns na h-Innseachan agus is i a-nis an sgoil Bhuddhach as motha ann an Sri Lanca agus Àisia a Deas (Cambuidea, Làthos, Mianmar, Dùthaich nan Tàidh), le mu 100 millean luchd-leanntainn air feadh na cruinne. Tha Theravada reusanta glèidhteach an coimeas ri sgoiltean Buddhach eile agus is i an sgoil as fhaisge air a' Bhuddhachd arsaidh mar a chaidh a stèidheachadh leis a' Bhuddha fhèin.