Jump to content

Bryn Celli Ddu

O Uicipeid

Co-chomharran: 53°12′28″N 4°14′08″W / 53.20787°N 4.23550°W / 53.20787; -4.23550

Bryn Celli Ddu
Location
Location
Bryn Celli Ddu
Suidheachadh Bryn Celli Ddu anns a' Chuimrigh

'S e làrach ro-eachdraidheil a th' ann am Bryn Celli Ddu. Tha e suidhichte faisg air Llanddaniel Fab air an eilean Ynys Môn, a' Chuimrigh. Tha an t-ainm a' ciallachadh "torr/meall anns an doire dhorcha" agus rinneadh cladhach àrc-eòlais air eadar 1928 is 1929.

'S e Bryn Celli Ddu aon de na uaighean-trannsa as fheàrr anns a' Chuimrigh.[1] Eu-coltach ri uaighean-trannsa eile, chan e trannsa agus tuama sheòmraichean a-mhàin ann ach bha e còmhdaichte le torr tìodhlacaidh cuideachd.

Tha an trannsa mu 8.4 meatair (28 tr) de dh'fhaid, an toiseach gun mhullach air fhad 's 3.4 meatair (11 tr). [2] Tha an torr tìodhlacaidh nas lugha a-nis na a bha e bho thùs agus tha fosgladh ann an-diugh aig cùl an t-seòmair a leigeas solais nàdarra a-steach. [3]

Sealladh air Bryn Celli Ddu

Tha cuid clachan air an làrach aig nach eil coltas àbhaisteach. Taobh a-steach an t-seòmair tha carragh mu 2 m (6.6 tr) de dh'àird ann a tha gu math cruinn. Tha clachan mar seo aig a bheil cruth cruinn gu math annasach, chan faicear tric iad.[3] Tha Rupert Soskin is Michael Bott dhen bheachd, is dòcha gur e stoc-craoibhe a th' ann.[4] Taobh a-muigh cùl balla an t-seòmair, tha mac-samhail dhen Pattern Stone ann. Chaidh an tursa thùsail a lorg fon torr tìodhlacaidh. Chaidh mac-samhail a thogail a-rithist san àite far an robh tursa tùsail is dòcha na sheasamh aig an àm nuair a bha an làrach na heinse.

Timcheall air an tuama sheòmraichean chithear cearcall de chlachan oireach a bhios a' sealltainn dè cho mòr a bha an torr tìodhlacaidh bho thùs. Tha iad a' leantainn cuideachd an dig a bh' ann bhon àm nuair a chaidh an làrach a chleachdadh mar heinse. Thathar dhen bheachd gu bheil trì de na clachan a lorgadh anns an torr a' buntainn ris an tursachan a bha ann roimhe.[2]

Eachdraidh an làraich

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e sreath de còig tuill puist na rudan as sine air an làrach. Bhathar den bheachd gun robh iad cho sean ris a' bharpa, ach rinneadh sgrùdadh le deiteadh rèidio-charboin ann an 2006 den ghual-fhiodha giuthais à dà de na tuill. Tha an deiteadh rèidio-charboin a' dearbhadh gu bheil iad nas sine na sin, timcheall air 4000 BC, bho dheireadh Linn Mheadhanach na Cloiche agus mu 1000 bliadhna nas sine gus an deach an làrach a chleadhadh a-rithist.[5] Chan eil fios againn fhathast carson a chaidh na tuill puist a thogail.

Mac-samhail dhen Pattern Stone

Ann an Linn Ùr na Cloiche, 3000 BC, chaidh tursachan agus heinse a thogail air an làrach seo.

Tha an dìg fhathast ri fhaicinn an-diugh [6] a tha mu 21 meatair (69 tr) troimhe agus cho iosail ri 2 m. [7] Is dòcha gun robh slighe no drochaid thairis air an dìg chun na heinse. Tha pailteas den eabar a' dearbhadh gun deach an dìg a chleachdadh airson ùine fhada.[7]

Na bhroinn chaidh 17 tursachan a thogail ann a' chearcall. Chaidh sloc a chladhach am broinn na heinse far an do lorgadh a measg stuth loisgte cnàmh beag bho chluais daonna a bha comhaichte le clach rèidh.[6]

Faisg air bha tursa sgeadaichte le dealbh dreach-lùbach na laighe ris an canar "The Pattern Stone". Thathar den bheachd gun robh e na sheasamh anns an heinse air sgàth 's gu bheil e sgeadaichte air an dhà thaobh.[8] Chaidh a ghluasadh do Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Cuimrigh agus chaidh mac-samhail a chur na h-àite san taobh a-muigh.

Uaigh-thrannsa

[deasaich | deasaich an tùs]
Trannsa aig Bryn Celli Ddu

Mu 1000 bliadhna an dèidh togail na heinse, aig Linn an Umha dh'atharraich coltas an làraich a rithist. Chaidh an tursachan a sgriosadh is a leagail agus bha sia tursachan air am briseadh le clachan trom eile. [3]

Na àite chaidh uaigh-thrannsa a thogail air barr meadhan na heinse.[7] Chaidh torr tìodhlacaidh a chur air barr an tuama sheòmraichean. Tha an seòmar mu 2 meatair a leud. Tha an trannsa mu 8.4 meatair (28 tr) de dh'fhaid agus mu meatair a leud. Chaidh e a thogail le 6 tursachan dìreach is còmhdaichte le 2 chlach eile.[7]

Lorgadh cnàmhan daonna anns an trannsa is anns an tuama sheòmraichean, cuid dhiubh loisgte, cuid dhiubh neo-loisgte. Is coltach gu bheil iad a' sealltainn cleachdaidhean tìodhlacaidh eadar-dhealaichte. Chaidh an uaigh-thrannsa a chleachdadh a-rithist ist a-rithist, air sgàth 's gun deach na seann chnàmhan a thoirt air falbh bho àm gu àm.[9]

Aig an deireadh chaidh an uaigh-thrannsa a dhùnadh le a bhith clach mhòr a chur ron doras.[3]

Àrc-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]
Carragh stoc-craoibhe

Ann an 1906 dh'fhoillsich Norman Lockyer a' chiad sgrùdadh eagarach mu reul-eòlas meagailiteach. Bha esan dhen bheachd gun robh an làrach na chomharra grian-stad an t-samhraidh. Aig an àm ud bhathar a' tarraing as airson na beachdan seo ach bha an rannsachaidh a rinn Christopher Knight agus Robert Lomas ann an 1997- 98 a' sealltainn gun robh Lockyer ceart.[10] Tha iadsan dhen bheachd cuideachd gun gabhadh an làrach seo a chleachdadh mar mhìosachan àiteachais air sgàth suidheachadh sònraichte nan tursachan.

Tha Steve Burrow, glèidheadair àrc-eòlais Linn an Umha aig Amgueddfa Cymru (Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Cuimrigh), ag aontachadh leis na bheachdan mu ghrian-stad an t-samhraidh.[11] Mar sin tha Bryn Celli Ddu coltach ri cuid làraichean eile, leithid Maes Howe agus Newgrange, a bhios a' sealltainn grian-stad geamhraidh.

Tha an làrach ceangailte ri feadhainn eile bho àm Linn Ùr na Cloiche is Linn an Umha cuideachd. Lorgadh dà thorr tìodhlacaidh eile dìreach san àird a deas Bryn Celli Ddu [12] agus tha tursa faisg air ann an achadh san taobh an iar.[13] Tha creag faisg air làimh ann cuideachd a tha sgeadaichte le cup-and-ring markings.[14]

Tha dithis neach-rannsachaidh, Rupert Soskin is Michael Bott, dhen bheachd gu bheil a' charragh a tha na seasamh ann am meadhan an t-seòmair na stoc-craoibhe a bha air a thionndaidh gu cloich. Tha a h-uile coltas aice mar rùsg craoibhe, ged nach eil fios againn san latha an–diugh am b' e craobh a bh' ann dha-rìribh a thionndaidh gu clach neo am b' e clach nàdarra a bh' ann a chaidh a thogail air sgàth 's coltas craoibhe aice.[4]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. RCAHMW. Air a' tarraing 14.6.2014
  2. 2.0 2.1 Gwynedd Archaeological Trust. A' tarraing air 12.6. 2014
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 www.photographers-resource.co.uk. A tarraing air 14.6.2014
  4. 4.0 4.1 stone-circles.org.uk
  5. Pitts, Mike (2006): Sensational new discoveries at Bryn Celli Ddu. British Archaeology, volume 89. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2014. 
  6. 6.0 6.1 "Bryn Celli Ddu". pegasusarchive.org. 2008 [last update]. Retrieved 1.6.2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= and |year= (help)CS1 maint: year (link)
  7. 7.0 7.1 7.2 7.3 "Bryn Celli Ddu - Passage Grave and Henge - Anglesey". megalithics.com. 2013. Retrieved 1.6.2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  8. www.photographers-resource.co.uk. A' tarraing air 15.6.2014
  9. "The burial tombs of Stone Age Wales". National Museum of Wales. 14.5.2007. Retrieved 10.6.2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= and |date= (help)
  10. Knight, C and Lomas, R: Uriel's Machine. Century. 1999
  11. Steve Burrow: Sensational new discoveries at Bryn Celli Ddu. A tarraing air 17.6.2014
  12. coflein NPRN: 408570
  13. coflein NPRN: 302503
  14. coflein NPRN: 415847

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: