Jump to content

Bogsa-ciùil

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Bocsa-chiuil)

Is e inneal-ciùil saor-riobhaid a tha anns a' bhogsa-ciùil, ainmichte airson a choltas ri bogsa. Is cruth an inneal balg-sèididh le ciste-sheirme aig gach ceann. Air gach ciste sheirme tha clàr-iuchair. Tha clàr-iuchair an fhuinn air air taobh deas agus clàr-iuchair nan dòrdan air an taobh clì.

Uaireannan, tha clàr-iuchair an fhuinn coltach ri clàr-iuchair piàna. Chanar bogsa-putain ris an nòs bogsa le rang putanan ann àite clàr-phiàna.

Ged nach deach an t-urachadh ach mu 1830, tha a' bhogsa-chiùil air lorg àite ann an ceòl tràidiseanta nan Gàidheal, an dà chuid an Alba agus an Èirinn. Anns an latha an-diugh tha bogsa-piàna nas cumanta ann an Alba, far a bheil e na phrìomh-inneal airson dannsadh dùthchail agus dannsadh-chèilidh, ach tha am bogsa-putain nas cumanta an Èirinn.

Is ann am Vienna, ann an 1829 a fhuair Cyril Demian litrichean patant, airson a' bhogsa-ciùil, akkordeon inneal le ciste-seirme agus balg sèididh a sheinneadh. Chuibhreag am patant cuideachd nòs akkordeon le dara chiste-seirme aig ceann eile a' bhalg-sèididh, uidheamaichte le riobhaidean fa-leth a thogail fonn. B' e seo an cruth den inneal a lorg feill. Chaidh a leasachadh gu tràth ri inneal diatònach, uidheamaichte le deich putan fuinne fon laimhe deas agus dà phutan dòrd fon làimh clì, agus roimhe meadhan an 19mh linn bha ceudan nam factoraidhean an dà chuid ann an Sacsonaigh agus an Ruise a' giollachadh ceudan nan mìltean dhaibh gach bliadhna.

Anns an latha an-diugh tha iomadh nòs nàiseanta agus ionadail de bhogsa-ciùil, mar eisimplir am bayan: nòs Ruiseach den bhogsa-phutain cromatach.

Sgeul a' bhogsa-ciùil

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 1829: Patant aig Demien
  • 1831: Nochd am bogsa-ciùil aig cuirm-ciùil ann an Lunainn. Chaidh na leir-mheasaich ga chaineadh.
  • 1843: Nochd bogsaichean-ciùil le da rod phutain- an dà rod gleusta le 4mh eadara (m.e. C/F)
  • 18xx: Leasachadh de bogsaichean 3 rodach anns a' Bheilg (agus dùthchannan Eòrpach eile)
  • 1860-1900: Lorg bogsaichean-ciùil aon rangach (seann-bhocsa neo meileòidean) feille a-measg a' mhòr-shluagh.
  • 1880: Dh'uraich George Jones am bogsa-ciùil da rodach agus leth-thon (?!) eadar an dà gleusadh (m.e. C/C#) "British Chromatic Tuning"
  • 1890an: Nochd an t-organo-accordion: bogsa-ciùil le clàr-iuchair nòs phiàna.
  • 1902: Rinn Peter Wyper a'chiad claradh Albannach de ceol a'bhocsa
  • 1915: Fhuair Peter Wyper Patent airson eagar clar-iuchair a'mhelodeon - Eagar a tha cleachdta air bocsaichean an Alba agus Eireann chun latha an diugh.
  • 1920an: Leasaich Feille ann an Èirinn airson dà rodach- le gleusadh cròmatachd- C/C#, C#/D
  • 1949: Nochd am bogsa-ciùil 2 rodach ann an gleusadh D/G, fo-stiùir an English Folk Dance and Song Society- an-diugh am bogsa Shasannach.
  • 1950an Bogsa-ciùil 3 rodach na Bogsa roghainn aig taoiseaich còmhlan-ciùil dannsa an Albainn.
  • 1970an: Feille ag èirigh ann an Èirinn airson "Irish Button Accordion" B/C a nis nas cumanta na C/C# neo C#D.
  • 1981: A' chiad Fèis Bharraigh- agus bogsa-phiàna air an teagaisg aig an Fhèis.
    Bogsa-piàna:

Ged a chaidh leasachadh air bogsaichean nas motha agus nas daora bho na 1840an air adhart, mhair an seann-bhogsa, aon rodach, bu fàda ann an ceol tràidiseanta an dà chuid ann an Gàidhealtachd na h-Èireann agus ann an Suffolk air sgàth 's gu robh e saor agus aotrom.

Cluicheadairean cliùiteach

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na ceòladairean fodha ainmeil airson an cuid sgilean air a' bhogsa-ciùil (os cionn aobharan eile).

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]


  1. Tractas Maire Ní Chaoimh air Eachdraidh sòisealta a' bhogsa-ciùil ann an cointeacs Èireannach: https://ulir.ul.ie/bitstream/handle/10344/1616/2010_Ni%20Chaoimh.pdf?sequence=6