Berdiansk
Berdiansk Бердя́нськ
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Zaporizka Oblast | ||||
Sgìre | Berdianska Mista Rada | ||||
Co-chomharran | 46° 45 20' Tuath 36° 47 20' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 82.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 107,928 (2021) | ||||
Dlùths | 1,305.84/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 6153 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Ainmeil |
'S e baile mòr agus port cudromach faisg air Zaporizhzhia agus Melitopol anns An Ucràin a th' ann am Berdiansk (Ucràinis: Бердя́нськ, Pòlais: Berdiańsk, Karaim: Berde, IPA: berˈdʲɑnʲsʲk). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, aig inbhir na h-Aibhne Berda air a' Mhuir Azov, san roinn Zaporizka Oblast. Tha 107,928 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1673 mar Kutur-Ogly, ach chaidh an t-ainm atharrachadh gu Novo-Nogaisk (Gàidhlig: Baile Nogai Ùr) ann an 1830. B' ann ann an 1835 a ràinig a' chiadh long bho thall thairis chun a' phuirt.[1] Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943. Chanadh Osypenko ris eadar 1939 agus 1958 mar urran air a' phaidhleat Polina Osipenko a rugadh ann an Novospasivka, 22km air falbh o Bherdiansk fhèin. Ann an 1991, thàinig Berdiansk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Thuit am baile gu feachdan na Ruise air 27 an Gearran 2022 ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin,[2] ach chuir feachdan na h-Ucràine soitheach Ruiseanach, air an robh Saratov, fodha sa phort air 24 am Màrt 2022.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis (75.27%) a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Berdiansk a' bruidhinn, ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (23.96%) cuideachd.[3] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann am Berdiansk tron 19mh Linn, leis gur e port eadar-nàiseanta cudromach 's a bh' ann, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Berdiansk air thuiteam fad na 21mh Linn.
1838 | 1873 | 1897 | 1900 | 1913 | 1920 | 1926* | 1939* | 1959* |
---|---|---|---|---|---|---|---|---|
3200 | 20 800 | 26 500 | 27 200 | 35 000 | 37 000 | 26 000 | 51 700 | 65 249 |
1970* | 1979* | 1989* | 1996 | 2001* | 2008 | 2009 | 2010 | 2012 |
100 133 | 122 109 | 132 644 | 135 000 | 121 692 | 117 836 | 117 787 | 117 517 | 115 857 |
Gnàth-shìde
[deasaich | deasaich an tùs]Tha gnàth-shìde a' bhaile agus na sgìre a tha mu timcheall air faisg air a bhith measarra, le tòrr làithean fada tioram, teth, grianach as t-samhradh, agus rud beag sneachd goirid, aotrom, tlàth, agus tric a' leaghadh sa gheamhradh. 'S ann eadar 8.0 ° С gu 11.7 ° С 's a tha an teòthachd chuibheasach bhliadhnail, gu cuibheasach thar iomadh bliadhna tha e 9.8°С. Is e an t-Iuchar am mìos as blàithe agus teòthachd a' ruigsinn 23.1 ° C, agus am Faoilleach am mìos as fhuaire leis an teòthachd a' tuiteam gu -2.9°C. A thaobh shileadh, tha Berdiansk na phàirt sgìre far a bheil le taiseachd gu leòr ann. Tha an ìre silidh cuibheasaich bliadhnaile a' ruigsinn 467mm.[6]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Opanas Slastion (1855 - 1933). Ailtire.[7]
- Joel Engel (1868 - 1927). Ceòl-sgrìobhaiche.
- Boris Levitan (1914 - 2004). Matamataigear.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Berdyanskuvchs
- ↑ Факти
- ↑ Ukcensus
- ↑ Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.
- ↑ World Gazeteer
- ↑ Climate Data
- ↑ Ковпаненко Н. Г., Ханко В. М. Сластіон Опанас Георгійович, Енциклопедія історії України, редкол.: В. А. Смолій (голова) та ін. ; Інститут історії України НАН України. — К.: «Наукова думка», 2012. — Т. 9: Прил — С. — С. 626. — ISBN 978-966-00-1290-5.