Zaporizhzhia

O Uicipeid
Zaporizhzhia
Запоріжжя
Прапор міста Запоріжжя (2003).svg Герб Запорожья 2003 года.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Sehenswürdichkeiten der Stadt Saporischschja.jpg
Контурная карта Запорожья Запорожской области.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Ukraine.svg An Ucràin
Ceàrn Flag of Zaporizhia Oblast.svg Zaporizka Oblast
Sgìre Zaporozhckiy rayon prapor.gif Zaporiskiy Raion
Co-chomharran 47° 51 00' Tuath
35° 07 03' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 334 km²
Àireamh-shluaigh 722,713 (2021)
Dlùths 2,163.81/km²
Àireamh fòn + 380 612
Duilleag oifigeil Duilleag Ainmeil

'S e baile mòr faisg air Dnipro agus Melitopol anns An Ucràin a th' ann am Zaporizhzhia (Ucràinis: Запоріжжя, IPA: zɐpoˈr⁽ʲ⁾iʒːɐ). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro, san roinn Zaporizka Oblast. Tha 722,713 duine a' fuireach ann.

Freumh-fhaclachd[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às an abairt Ucràinis за порогами (Gàidhlig: Seachad air a' bhras-shruth) 's a tha an t-ainm, leis gu robh bras-shruth air an Abhainn Dnipro an seo mus deach an loch-tasgaidh a thogail.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thog Dmytro Vyshnevetsky daingneach fiodha air eilean san abhainn air a bheil Khórtytsya an seo ann an 1552. B' ann fo bhuaidh Impireachd nan Otomanach agus a chuid Tataraich 's a bha an t-aite eadar 1711 agus 1739. Chaidh am baile fhèin a stèidheachadh ann an 1770 mar dhaingneach agus chanadh Aleksandrovsk/Oleksandrivsk ris gu ruige 1921. Bha an Drochaid an seo air leth cudromach aig àm Cogadh Sìobhalta na Ruise, agus i a' giùlan shaighdearan, armachd, daoine leòinte agus stuth meidigeach. Air sgàth na drochaid seo, bha sabaid dhoirbh ann mu timcheall air Alexandrovsk bho 1918 gu 1921 eadar an t-Arm Dearg agus na feachdan Geala.[1] Ann an 1991, thàinig Zaporizhzhia gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Chaidh am baile a bhomadh ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis (56.83%) a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Zaporizhzhia a' bruidhinn, ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis (41.64%) cuideachd.[3]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Адельберг Л, Мосты Запорожья, RA Tandem, Zaporizhzhia, 2005.
  2. IMDB
  3. Ukcensus

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]