Jump to content

Sionnach

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Balgair)
Sionnach
Sionnach (Vulpes vulpes)
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Carnivora
Teaghlach Canidae
Gèineas Vulpes
Spèiseas V. vulpes
Ainm saidheansail
Vulpes vulpes Linnaeus, 1758
Briathran Gàidhlig eile
Madadh-ruadh

Tha an sionnach[1] (iolra: sionnaich) 'na shineach ann an teaghlach nan con, (Laideann: Vulpes vulpes). Theirear am madadh-ruadh ris agus ann an sgeulachdan à beul-aithris, canar Gille-nan-car ris cuideachd. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach, agus earball fada dosach, agus breac. 'S e 'cuilean sionnaich' a chanas ri sionnach òg.[1]

Àite-còmhnaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an toll sam bheil e a' gabhail còmhnaidh am bitheanta fon talamh no ann an sgeirean chreag.

Beathachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e is biadh dhan t-sionnach, a' mhaigheach, an coinean, cearcan agus eunlaith de gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna faimh, radanan, agus luchan; agus tha e ro dhèidheil air ùbhlan agus air gach gnè meas.

Gnàthachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan fhàg an sionnach a gharadh gu feasgar; agus an sin thèid e a-mach air feadh nan coilltean agus an fhearainn airson cobhartaich, agus fanaidh e a-muigh gu madainn. Ged a tha e ro dhìobhalach am measg eunlaith agus uan, tha e a' dèanamh feum mòr le bhith a' cur às do iomadh creutair millteach agus gràineil. Ann an Iapan, measar mar Dhiadhachd an fhogharaidh e, beathach a tha a' dìon bàrr an ruis.

Tha an sionnach ro innleachdach a chum breith air a chobhartach, agus chum a nàimhdean a sheachnadh. Tha seo cho aithnichte do gach neach is gun abrar mar ghnàth-fhacal ri duine carach agus cuilbheartach, "Gum bheil e cho seòlta ris an t-sionnach." 'S iomadh sgeul a dh'innsear mu thimcheall an t-sionnaich agus mu thimcheall nan innleachdan a tha e a' gnàthachadh a mhealladh a nàimhdean.

Ann an iomadh àite den domhain, tha an sionnach a' toirt mòr-shùgradh agus aighear do luchd-seilg. Chasgadh ruaig an t-sionnaich ann an Alba ann an 2002, agus ann an Sasann 's a' Chuimrigh air Gearran 18, 2005. Roimhe sin ann an Sasann, bhiodh na sealgairean a' marcachd an dèidh an t-sionnaich, agus ga ruagadh le madaidhean; ach is tric a sgìthicheas e na coin, na h-eich agus na sealgairean; agus faodaidh e bhith, an dèidh dhaibh a leantainn car leth-cheud mìle, gun toir e an car asta mu dheireadh - gun ruig e ionad falach èiginn, agus gun tèarainn e a bheatha.

Abairtean mu dheidhinn Sionnaich

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Cho seòlta ri Sionnach.
  • Cho carach ris a' mhadadh ruadh.
  • Caoidh an t-sionnaich air a' chaora mhairbh, nach do rug i an t-uan mun do dh' fhalbh i.
  • Is math an latha a nì a' madadh-ruadh searmoin.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 9 Faoi. 2015

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Neo-ainmeach (21mh dhen Iuchar 1894): “An Sionnach,” ann an: Mac-Talla, àir. 3, td. 3. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2023.
  • Dwelly-d