Mac-Talla (iris)
Cur air cois | 28 dhen Chèitean 1892 ![]() |
---|---|
Tiotal | Mac-Talla ![]() |
Dùthaich | Canada ![]() |
Deasaiche | Eòin G. MacFhionghain ![]() |
Àite foillseachaidh | Eilean Cheap Bhreatainn ![]() |
Àm crìochnachaidh | 24 dhen Ògmhios 1904 ![]() |
Bha Mac-Talla 'na phàipear-naidheachd/iris Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gach seachdain – gach dàrna seachdain na b’ anmoiche – ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28 an Céitean 1892, agus 24 an t-Ògmhios 1904, mu thimcheall air 540 earrann uile gu lèir.
B’ e Eòin MacFhionghain (1869-1944) am fear-deasachaidh. Rugadh e ann am Baile Inbhir Nis ann an Ceap Breatainn. Cha robh e ach trì bliadhna air fhichead a dh’ aois nuair a stéidhich e Mac-Talla, a’ chiad fhoillseachadh dhen leithid sin san t-Saoghal.
Bha naidheachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta a' nochdadh ann, còmhla ri bàrdachd, òrain, sgeulachdan, eadar-theangachaidhean, agus aistean.
Tha gach iris ri fhaighinn ann an cruth PDF, agus gach duilleag fa leth mar fhaidhle JPEG bhon làrach-lìn aig SMO.
Ùghdaran Mhac-Talla[deasaich | deasaich an tùs]
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- Mac-Talla air-loidhne – air a chur ann an cruth didseatach leis an leabharlann aig SMO