Donnchadh Blàrach
| Donnchadh Blàrach | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Srath Chura, 1 dhen Iuchar 1815 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | 1893 |
| Àite-adhlacaidh | Siorramachd Phiogto |
| Foghlam | |
| Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann |
| Cànain |
Gàidhlig Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | ministear, sgrìobhadair agus bàrd |
'S e minister, ùghdar agus bàrd a bh' san Urr. Donnchadh Blàrach (Rev Duncan Black Blair ann am Beurla). Rugadh e ann an Srath Chura ann an 1815 agus fhuair e foghlam aig Oilthigh Dhùn Èideann. An dèidh dhaibh ceum diadhachachd a thoirt a-mach, bha e 'na mhinistear ann an Alba agus ann an Alba Nuadh. Sgrìobh e mòran rudan dhan iris Mac-Talla fon ainm D.B.B.
"Bha an t-Urr. Donnchadh Blàrach (1815-1893) na “eòlaiche-cànain barraichte, na dheagh bhàrd, agus na dhuine cràbhach. Mar sgrìobhaiche Gàidhlig pongail cha robh duine a thug bàrr air.” Sgrìobh e laoidhean,cumhaidhean agus dàin is òrain aotrom. Nochd raon farsaing de na sgrìobhaidhean aige ann am Mac-Talla, a’ chiad phàipear-naidheachd Gàidhlig air an t-saoghal, a chaidh a chlò-bhualadh ann an Sidni, Albainn Nuadh, eadar 1892 agus 1904."[1]