Ubhal

O Uicipeid
Ubhal
Joseph Kleitsch (1927)

'S e meas cruinn a tha ann an ubhal. Is urrainn dhaibh a bith uaine neo dearg, agus tha iad air cleachdadh airson pàidhean a dhèanamh. A-rèir dualchas, thug Àdhamh ubhal gu Eubha, ach ann an leabhar Genesis, chan eil ach “meas” a tha air, agus chan eil fianais againne gur e ubhal a bha ann.

Eachdraidh an ubhail[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'fhàs an t-ubhal-fiadhain, no a' chuairteag anns a' Ghàidhealtachd bho shean. Tha Pliny, an seann sgrìobhaiche Ròmanach, ag ràdh gun robh na craobhan-ubhail ann am Breatainn fìor thorach, agus tha cunntas air cho pailt 's a bha iad ann am Moireibh san treas linn.

Ge be àite san robh na manaich air an suidheachadh, thogadh iad ubhal-ghoirtean, agus chithear fhathast faisg air manachainnean, a tha an-diugh fàs, sean chraobhan a chuireadh leotha - gu h-àraidh ann an Abaid Mhanachainn MhicShimidh.

Tha an ubhal gu tric air ainmeachadh ann an litreachas is bàrdachd iomadh tìre, agus sin gu minig ag aithris air bòidhchead is cruth pearsa.

"Mar chrann-ubhal am measg chrann na coille, is samhail mo rùn-sa am measg nan òganach: fo a sgàil mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos agus bha a thoradh milis dom bhlas."

Sheinn Donnchadh Bàn mu na cuairteagan a dh'fhàs: "mun Ruadh-aisridh, cliùmhor, cuachanach, cuarnar àrd."[1]

Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  1. [Aiste le Alasdair MacGilleMhaoil ann an Gairm.]


Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: