Jump to content

Baile Dhunlèibhe (sgìre Phàrlamaid Westminster)

O Uicipeid
Baile Dhunlèibhe
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Gregor Poynton BP
Pàrtaidh Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
Luchd-bhòtaidh 78,403
Mòr-chuid 3,528[1]

'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann am Baile Dhunlèibhe (Beurla: Livingston).[2]

Chaidh a chruthachadh ann an 1983 o Lodainn an Iar agus pàirtean de Lodainn Mheadhanach. Bha Robin Cook na BhP airson na sgìre seo mus do chaochail e ann an 2005.[3]

Tha Baile Dhunlèibhe fhèin agus Broxburn anns a' sgìre seo. Ro 2024 agus na crìochan gan atharrachadh bha i ann an crìch ri Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear, Dùn Èideann an Iar, Dùn Èideann an Iar-Dheas, Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh, Lannraig agus Hamilton an Ear agus An t-Àrd-Ruigh agus Shotts. Air na crìochan ùra tha i ann an crìch ris na sgìrean seo ach Bathgate agus Gleann Iucha an àite Gleann Iucha agus an Eaglais Bhreac an Ear agus Tobar na Màthar, Cair MoLuaig agus Wishaw an àite Lannraig agus Hamilton an Ear.[4]

Buill-Phàrlamaid

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Livingston - General election results 2024”, BBC News. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2024. 
  2. Livingston/Baile Dhunlèibhe”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 21mh dhen Fhaoilleach 2018.
  3. MacUilleim, Brian: “Obituary: Robin Cook”. The Guardian. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
  4. Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2024.
  5. Livingston parliamentary constituency - Election 2017”. BBC. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.