Jump to content

An t-Urramach Niall Ros

O Uicipeid
An t-Urramach Niall Ros
Beatha
Breith Gleann Dail, 1873
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Èideann, 17 dhen Dùbhlachd 1943
Dreuchd
Dreuchd deasaiche pàipeir-naidheachd
Ballrachd An Comunn Gaidhealach

B' e ministear agus sgoilear na Gàidhlig a bh' anns an Urr. Niall Ros M.A., B.D.[1], CBE, DD, Dlitt (Gleann Dail, 1873 - Dùn Èideann, 17 Dùbhlachd 1943) (Beurla: Rev. Dr Neil Ross).

Bha e na mhinistear anns an Lagan, Siorrachd Inbhir Nis bho 1923 gus a bhàs ann an 1943.[2][3]

A Bheatha Phearsanta

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh is thogadh e ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach.[3] B' e Coinneach Ros athair agus b' e Mairead NicLeòid a mhàthair.[3] Fhuair e foghlam ann an Obar Dheathain anns an Sgoil Gràmair Obar Dheathain, agus an uair sin aig Àrd-sgoil Ghlaschu ann an Glaschu.[3] Rinn e ceum M.A. (master of arts) an uair sin aig Oilthigh Dhùn Èideann a' sgrùdadh Seann-Ghàidhlig agus Gaeilge a bharrachd air cànan agus litreachas na Gàidhlig. Bha dà sgoilearachd aige, bursaraidh bho Eaglais na h-Alba agus sgoilearachd Gillian Maclaine. Sgrìobh e trachdas 14 bliadhna as dèidh an M.A. air The Dramatic Element in Gaelic Literature agus choisinn e D.Litt.[3]

A rèir iomradh a bhàis a nochd anns a' Glasgow Herald, b' e deagh phìobaire a bh' ann cuideachd.[3]

Chaochail e ann an Dùn Èideann air Dihaoine 17 an Dùbhlachd 1943.[3] Dh'fhàg e a bhean, dithis ghillean agus nighean.[3]

Ann an 2004, thug a theaghlach a chuid pàipearan do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (NLS).[4]

A Bheatha san Eaglais

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a òrdaicheadh ann an Eaglais na h-Alba ann an 1907.[3] Bha e na mhinistear ann an iomadh àite; St James ann an Cathair Challdainn, Rosemount ann an Obar Dheathain, agus Buccleuch ann an Dùn Èideann mus chaidh a ghairm dhan Lagan.[3]

Ann an 1933, chlàraich Oilthigh Ghlaschu e mar Ollamh-dhiadhachd (DD.).[3]

A Bheatha ann an Saoghal na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e daoine mòr ann an saoghal na Gàidhlig a bh' ann is e a' sgrìobhadh, a' dèanamh dàin agus an sàs ann an iomairtean. Ann an 1933, thug Rìgh Seòras V CBE dha air sgàth an obair a rinn as leth na Gàidhlig.[3][5] B' e an obair a rinn e as leth a' Chomuinn Gaidhealach, mar cheann-suidhe nam measg, a choisinn chliù dha am measg nan Gaidheal.

Ghabh e pàirt anns a' cho-fharpais aig a' chiad Mhòd Nàiseanta ann an 1892 agus choisinn e duain airson an dàin 'Am Faigh a' Ghàidhlig Bàs?'[6]

Bha e na fhear-dheasaich aig An Gàidheal, pàipear-naidheachd a' Chomuinn. Dheasaich e leabhar cuideachd air The Heroic Poetry in the Book of the Dean of Lismore.

Ann an 1931, b' e ceann-suidhe an Comuinn Gaidhealach a bh' ann. Nuair a thòisich am Mòd ann an Inbhir Pheofharain am bliadhna sin, thug e seachad òraid air cor na Gàidhlig, a' moladh cleachdadh na Gàidhlig mar an dòigh as fheàrr gus a cumail beò.[7]

Foillseachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Sgrìobhaidhean ann an Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Ros, An t-Oll. Niall (1938) 'An t-Eilean Sgitheanach', ann an Am Measg nam Bodach (Glaschu: An Comunn Gaidhealach) dd. 67-73.
  • Ross, Neil (1950) Armageddon: a fragment (Edinburgh: Albyn Press)

Sgrìobhaidhean ann am Beurla

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 'Tìr nan Og, (Land of the Ever-Young)', ann an Guthan o na Beanntaibh (1927) deas. le John MacDonald (Glasgow: An Comunn Gàidhealach) d.169-174.
Aiste air Tìr nan Òg ann an litreachas agus mac-meanma nan Gaidheal.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. MacDonald, John (deas.) Voices from the hills = Guthan o na beanntaibh: a memento of the Gaelic Rally, 1927 (Glasgow: An Comunn Gàidhealach)
  2. Laggan Community Web. Leughte 11 Dùbhlachd 2014.
  3. 3.00 3.01 3.02 3.03 3.04 3.05 3.06 3.07 3.08 3.09 3.10 3.11 Rev. Dr Neil Ross Notable Gaelic Scholar, The Glasgow Herald, Disathairne 18 Dùbhlachd 1943, d.4
  4. Pàipearan Niall Rois
  5. Supplement to the London Gazette. Official Public Record, no. 33946 of Friday 2nd June 1933 p.3808 Leughte 11 Dùbhlachd 2014
  6. Scran, 'Buaidh a' Mhòid' le Aonghas MacNeacail. Leughte 11 Dùbhlachd 2014
  7. "It is futile to think, he continued, that we can keep Gaelic alive unless we speak it. It dies in one generation, because there are many cases where the parents had it and the children have not.Keep Gaelic Alive: President stirs Mod at Dingwall. Aberdeen Press and Journal, 24 September 1931. d.8

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]