An Eaglais Bhreac an Iar (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
An Eaglais Bhreac an Iar
Falkirk West (Scottish Parliament constituency).svg
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Taigh an Ròid
Ball Mìcheil MacMhathain BPA
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Àireamh-bhòtaidh 32,524
Mòr-chuid 8,312

'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha anns an Eaglais Bhreac an Iar (Beurla: Falkirk West).[1]

Tha an Eaglais Bhreac fhèin, Denny, Leth-Pheairt agus Bonnybridge san sgìre seo[2] is bidh na luchd-taghaidh a' bhòtadh airson roinn Meadhan na h-Alba cuideachd.

Tha i ann an crìch ri Sruighlea, an Eaglais Bhreac an Ear agus Comar nan Allt agus Cill Saidh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a cruthachadh ann an 1999. Bha Dennis Canavan, a bha BP Làbarach airson na h-Eaglaise Brice ach nach thagh am pàrtaidh ionadail e mar thagraiche, na chiad BhPA airson na sgìre, mar bhall neo-eisimeileach. Bhuannaich Mìcheil MacMhathain, ball Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, an sgìre ann an 2007.

Buill-phàrlamaid[deasaich | deasaich an tùs]

Taghadh Ball Pàrtaidh Mòr-chuid Àireamh-bhòtaidh
2016[3] Mìcheil MacMhathain Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 11280 32083
2011[4] Mìcheil MacMhathain Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 5745 28199
2007[5] Mìcheil MacMhathain Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 776 28785
2003[6] Dennis Canavan neo-eisimeileach 10000 26400
1999[7] Dennis Canavan neo-eisimeileach 12192 33677

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Gaelic constituency and region names”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017 (pdf).
  2. Recommended Scottish Parliament constituencies: Falkirk West County Constituency”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2017 (pdf).
  3. Falkirk West - Scottish Parliament constituency - Election 2016”. BBC. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2017.
  4. Election 2011 - Scotland - Falkirk West(Beurla). BBC. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2017.
  5. Election 2007 - Scotland - Falkirk West”. BBC. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2017.
  6. Falkirk West”. BBC. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2017.
  7. Elections | Scotland 99 | Constituencies | Falkirk West”. BBC. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2017.