Drochaid Bhunaich
Coltas
(Air ath-sheòladh o Bonnybridge)
'S e baile ann an Comhairle na h-Eaglaise Brice a tha ann an Drochaid Bhunaich (Beurla: Bonnybridge). [1] Tha e suidhichte mu 4 mìltean iar air an Eaglais Bhric. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 0′ 12.94″ Tuath agus 3° 53′ 8.68″ Iar.
Ann an 2001 bha 6,870 duine a' fuireach an seo. [2]
Dh'fhàs am baile nas motha aig àm tionndadh-gnìomhachais anns an 19mh linn. Thòisich gnìomhachas pàipeir, fiodh, Ceimigeachd agus uisge-beatha anns an 19mh linn an seo. Tha stèiseanan a' ceangal a' bhaile le Dùn Èideann, Glaschu, Cathair Luail is Peairt. Air sgàth 's gu bheil an Canàl Foirthe agus Cluaidh faisg air a' bhaile cuideachd tha deagh siostam ghiùlain aige.
Tha am baile ainmeil mar "UFO hot spot" cuideachd.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 824 806
- Bonnybridge aig Gazeteer for Scotland
- Eachdraidh Drochaid Bhuinne