Jump to content

An Dr Fionnlagh MacLeòid

O Uicipeid
An Dr Fionnlagh MacLeòid
Beatha
Breith Nis
Dùthaich  Alba
Teaghlach
Cèile Norma NicLeòid
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, eadar-theangair, craoladair, òraidiche agus preasantair
Duaisean a fhuaras

'S e sgoilear, sgrìobhadair agus craoladair a bh' anns an Dr Fionnlagh MacLeòid. The e aithnichte cuideachd leis an ainm Beurla, Dr Finlay MacLeod.

Rugadh agus thogadh e ann an Nis, Leòdhas.[1] Dh'fhàg e an sgoil aig aois 15 agus chaidh e gu muir agus dh'obraich e mar neach-smàlaidh ann an Lunnainn.[2] Fhuair e foghlam aig Oilthigh Obar Dheathain far an robh e na oileanach còmhla ri Dòmhnall Iain MacLeòid.[3] Bha e na òraidiche ann an eòlas-inntinn aig Oilthigh Obar Dheathain.[1][4] Bha e ag obair ann am foghlam mar 'primary adviser' anns na h-Eileanan an Iar.[4] Bha an Dr Fionnlagh MacLeòid am measg a' chiad urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri Sir Iain Noble, Somhairle MacGill-Eain, D.R. Dòmhnallach, agus Gòrdan Barr.[5] 'S ann airsan a chaidh a' chiad duais Dhòmhnaill Meek a bhuileachadh ann an 2010.[6] Bidh e ag obair mar phreasantair cuideachd, gu sònraichte anns an t-sreath 'Sin Thu Fhèin' air BBC Alba far am bi e a' còmhradh le iomadh duine ainmeil ann an saoghal nan Gaidheal. Bidh e cuideachd a' nochdadh gu tric air Radio nan Gaidheal mar aoidh, a' bruidhinn mu eachdraidh na h-Eileanan an Iar agus sgrìobhaidhean Gàidhlig. Chaochail e aig aois 86 5 an t-Samhain 2023.[2]

Clàr-sgrìobhaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Turas a' Bhreandain: sgeulachd rèidio; bhon leabhar aig Tim Severin, na dealbhan le John Love. Steornabhagh, Leodhas: Acair, 1989.
  • Na Teampaill anns na h-Eileanan an Iar Stornoway: Acair, 1997. ISBN: 086152103x
  • Tobraichean sláinte anns na h-Eileanan an Iar; dealbhan le Dòmhnall Iain Caimbeul. Stornoway: Acair, 2000.
  • Cas-cheum an Leòdhas = Footfall in Lewis dealbhan le Robert M. Adam, Steòrnabhagh : Acair 2006.
  • Dìomhanas Inbhir Nis: CLÀR, 2008. (ceithir sgeulachd thar fhichead, ficsean)
  • Muilnean beaga Leòdhais; na dealbhan John Love. Steòrnabhagh: Acair, 2009. ISBN 9780961523627
  • Gormshuil an rìgh Inbhir Nis : CLÀR 2010 (a chiad nobhail do dh'inbhich).

Ficsean ann an irisean agus cruinneachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 'An Cluaisean' ann an MacDhòmhnaill, D. (deas.) Briseadh na Cloiche. Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1970, td. 63-69
  • 'Victoria agus Albert' Gairm Àir. 51, d 265
  • 'Gèam airson Dithis', Gairm Àir. 199, d.269.
  • 'A chàirdean - cà 'il am bàr?', Gath Àir. 9, An t-Earrach 2008, d.10-17.

Dealbhan-chluiche

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Seonaidh[1]
  • Ceann Cropaig[1]
  • An Seachdamh Gealach[1]
  • An Comadaidh[1]
  • Na balaich air Rònaidh: dealbh-chluich airson réidio ann a sia earrainnean; na deilbh le Dòmhnall Mac a' Ghobhainn. Obar-Dheadhan: Oilthigh Obar-Dheadhan, 1972.
  • Teaghlach Thormoid Bhuidhe: dealbhan-chluiche rèidio Steòrnabhagh: Acair, 1990.
  • 'Bar' Gairm Àir. 196, d.354. (dealbh-chluich/ còmhradh beag ann an taigh-seinnse, mu chor na Gàidhlig)
  • 'An Latha a Thàinig an t-Ailbhean’ "Gairm" Àir.197 Geamhradh 2001/2002, d. 63-69.
  • 'Siorap Ina' Gairm Àir. 198, d.136. (dealbh-chluich bheag)

Leabhraichean Chloinne

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Sioba Inbhirnis: Club Leabhar 1975.
  • Tothan Inbhirnis: Club Leabhar 1975.
  • Tugainn cuairt Inbhirnis: An Comunn Gaidhealach Tigh Obar-Thairbh 1976.
  • Rònan agus Brianuilt; dealbhan le Anndra MacMhoirein. Steòrnabhagh: Acair, 1978. ISBN: 086152005X
  • O Tractar! Steòrnabhagh: Acair 1979.
  • Ròin agus Daoine le John Love. Steòrnabhagh: Acair 1989.
  • Alasdair MacChoinnich ann an Canada Steòrnabhagh: Acair 1991.
  • Mac an t-Srònaich le Aonghas MacDhòmhnaill. Steòrnabhagh: Acair 1994.
  • Ailig Aurora [Steòrnabhagh]: Stòrlann; Acair, 2010.

Eadar-theangaichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Blàir mhór an t-Saoghail le Anna Jungmann, dealbhan le Doffy Weir. Edinburgh: Oliver and Boyd 1977.
  • leabhar eachdraidh: Hannibal agus Blar Loch Trasimene - Cortes am measg nan Aztecs - An Armada - Blar Abhainn na Fala
  • Na rinn i orra le Angharad Tomos. Steòrnabhagh: Acair 1986. ISBN: 086152084X (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • Mac'An Duinn le Angharad Tomos. Steòrnabhagh: Acair 1987 ISBN: 0861520800X (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • A' Chnapag le Angharad Tomos. Steòrnabhagh: Acair 1988 (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • A' Ghuanag le Angharad Tomos. Steòrnabhagh: Acair 1988 (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • Ubhlan tofaidh puth le Angharad Tomos. Steòrnabhagh: Acair Earranta 1988 (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • Siud agaibh meic le Angharad Tomos. Steòrnabhagh: Acair Earranta 1988 (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • An t-sreang aodaich le Angharad Tomos. Steòrnabhagh: Acair 1989. (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • A' Chràg le Angharad Tomos Steòrnabhagh: Acair Earranta 1989 (eadar-theangaichte on Chuimris)
  • Sgeulachdan Grimm Steòrnabhagh: Acair, 1990.
  • Cur is Dlùth dealbhan le Gus Wylie, roimh-radha le Fionnlagh MacLèoid. (Scotland? s.n.) 1981 (leabhar-iùil na h-Eileanan an Iar)
  • An duine thainig a chunntadh nan tighean Steòrnabhagh: Acair (n.d.) (aig NLS)
  • 'Amhran, le Fionnlagh MacLeòid' Gairm Àir. 200, d.344. (bàrdachd)
  • Gaelic arts a way ahead a report for the Scottish Arts Council by Finlay MacLeod (aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba)
  • Seòid na mara. Stiùireadh do na tidsearan. le Anna NicDhòmhnaill. Steòrnabhagh: Acair 1989.
  • 'A' Ghàidhealtachd (2) An-diugh, Litir le Fionnlagh MacLeòid, Siabost, Leòdhas.' Gairm Àir. 84, d.338.
  • Mac an t-Srònaich [clàradh fhuaim] "Leabhar air CD" Steòrnabhagh: Stòrlann, 2007.
  • Nis aosmhor: the photographs of Dan Morrison Fionnlagh Macleòid (deas.) Steòrnabhagh: Acair, 1997. ISBN: 0861521137
  • Togail Tir: marking time : the map of the Western Isles Finlay MacLeod (deas.) Stornoway: Acair agus An Lanntair Gallery, 1989. (cuideachd Gairm Àir. 149, d 93.)
  • The Chapels In the Western Isles Stornoway: Acair 1997. ISBN 0861521080
    • dreach Bheurla de Na Teampaill
  • The healing wells of the Western Isles; photographs by Donald John Campbell. Stornoway, Isle of Lewis : Acair, 2000
  • The Norse mills of Lewis; illustrations by John Love. Steòrnabhagh: Acair 2009
    • dreach Bheurla de Muilnean Beaga Leòdhais

Sgrìobhaidhean mu a dheidheann

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 'An Sgeilp Leabhraichean: Na Balaich air Rònaidh, le Fionnlagh MacLeòid' Gairm Àir. 80, d.371.
  • An Introduction to Gaelic Fiction le Moray Watson

Prògramman telebhisean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Sin Thu Fhèin Glaschu: STV, 15 Dàmhair 2002. 'S i Gillian Rothach a th'aig Fionnlagh MacLeòid air aoigheachd san dàrna prògram de Sin Thu Fhèin. '
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 1 a' chiad chraoladh 01 Lùnastal 2012 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Cathy NicDhòmhnaill.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 2 a' chiad chraoladh 08 Lùnastal 2012 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Rob Dunbar.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 3 a' chiad chraoladh 15 Lùnastal 2012 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Morag Craig.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 4 a' chiad chraoladh 22 Lùnastal 2012 'Fionnlagh MacLeòid ann an còmhradh le Fred MacAmhlaigh.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 5 a' chiad chraoladh 05 Sultain 2012 'Fionnlagh MacLeòid ann an còmhradh le Roy MacIomhair.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 6 a' chiad chraoladh 12 Sultain 2012 'Fionnlagh MacLeòid ann an còmhradh le Iain Archie Mac a' Mhaoilein.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 7 a' chiad chraoladh 19 Sultain 2012 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Joni Buchanan, sgrìobhaiche.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 2 Prògram 8 a' chiad chraoladh 26 Sultain 2012 'Fionnlagh MacLeòid ann an còmhradh leis An t-Urr. Dòmhnall MacAmhlaigh.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 3 Prògram 1 a' chiad chraoladh 09 Faoilleach 2013 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri D H M Maciomhair, Neach Gnìomhachais.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 3 Prògram 2 a' chiad chraoladh 16 Faoilleach 2013 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Gillian Rothach, sgoilear.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 3 Prògram 3 a' chiad chraoladh 23 Faoilleach 2013 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan, Neach Naidheachd.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 3 Prògram 4 a' chiad chraoladh 02 Gearran 2013 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Agnes Rennie, riochdaire chroitearan.'
  • Sin Thu Fhèin Sreath 3 Prògram 6 a' chiad chraoladh Diciadain 13 Gearran 2013 22:30 Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Magaidh Choineagan, craoladair.
  • Sin Thu Fhèin Sreath ? Prògram ? a' chiad chraoladh: Diciadain 15 Gearran 2012 22:30 'Fionnlagh MacLeòid a' còmhradh ri Aonghas 'Ease' MacLeòid.'

Prògraman Rèidio

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Bragar an Taobh Siar an-diugh agus an-dè – am baile, na daoine, na seanchasan agus na h-amhrain, còmhla ri Fionnlagh Macleòid. Diardaoin 21 Cèitean, BBC Radio nan Gaidheal.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 MacDhòmhnaill, D. (deas.) (1970) Briseadh na Cloiche Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, d.84
  2. 2.0 2.1 An Dr. Fionnlagh MacLeòid: 1937 - 2023”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen t-Samhain 2023. Air a thogail 1d dhen Dùbhlachd 2023. 
  3. MacLeod, D.J., 1990. 'Gaelicʼs Recovery'. ann an A. Hetherington (deas.) Highlands and Islands: A Generation of Progress. Aberdeen: Aberdeen University Press, d.162
  4. 4.0 4.1 Thomson, D. (deas.) Gàidhlig ann an Albainn, Glasgow: Gairm 1976, d.92
  5. Eachdraidh na Colaiste air làrach-lìn SMO
  6. Hebrides News

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]