Norma NicLeòid
Coltas
Norma NicLeòid | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Ùig, 1944 |
Dùthaich | Alba |
Teaghlach | |
Cèile | An Dr Fionnlagh MacLeòid |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus nobhailiche |
'S e sgrìobhadair Gàidhlig a th' ann an Norma NicLeòid. Tha i pòsta aig sgrìobhadair ainmeil eile, Dr Fionnlagh MacLeòid.
Tha Norma air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann Gàidhlig thairis air nam bliadhnaichean, agus bha i na manaidsear aig Acair ann an Steòrnabhagh airson iomadh bliadhna, mus do dh'fhàg i an dreuchd ann an 2010. Rinn Norma 'trilogy' de nobhailean, air fhoillseachadh le Ùr-Sgeul, agus rinn i nobhail eile, 'An Dosan' (Acair, 2014). Tha i air iomadach leabhar Beurla eadar-theangachadh gu Gàidhlig.
Bhàsaich i aig aois 79 anns a' Chèitean 2024.[1]
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Dìleas Donn (CLÀR/Ùr-Sgeul, 2006)
- Taingeil Toilichte (CLÀR/Ùr-Sgeul, 2008)
- Suthainn Sior (CLÀR/Ùr-Sgeul, 2011)
- An Dosan (Acair, 2014)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Luaidh ga dhèanamh air Norma NicLeòid”, Naidheachdan a' BhBC. 17mh dhen Chèitean 2024. Air a thogail 17mh dhen Chèitean 2024.