Jump to content

Am Baisteir

O Uicipeid
Am Baisteir

Am Baisteir
Àirde (m) 934
Àirde (tr) 3064
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Am Baisteir is located in Alba
Am Baisteir
Am Baisteir (Alba)
Suidheachadh An t-Eilean Sgitheanach
Sreath bheanntan An Cuiltheann
Mapa cumadh-tìre Landranger 32
Comharradh-clèithe NG46572530

'S e beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha anns A' Bhaisteir. Le 934m a dh'àirde 's e Beinn Rothaich a th' ann, agus tha e eadar Sgùrr nan Gillean agus Bruach na Frìthe. Gheibhear suas gu furasta tro Choire a' Bhaisteir agus druim an ear na beinne. Ge-tà tha pìos ghoirid de shreap sìos doirbh ann. Ruigear am mullach cuideachd le bhith a' streap suas fiacail a' Bhaisteir agus dhan mhullach bho sin.

Cha robh ciall an ainm an còmhnaidh soilleir agus tha co-dhiù dà mhìneachadh ann. Dh’eadar-theangaichear Am Baisteir gu tric mar “executioner” (bhon fhacal “bàsadair”) ach feumar ràdh gur e “crochadair” [1]a th’ ann an “executioner”. Tha Dwelly a’ moladh “baptiser” airson Baisteir agus sin am mìneachadh as cumanta airson an ainm sin an-diugh. Ma chìthear cruth an sgùrra tha an dà mhìneachadh coltach. Tha creag mhòr gu h-ìosal den mhullach a tha biorach agus air a bheil cruth iongantach. Chithear sin mar làmhag a’ chrochadair no mar cheann sagairt [1] a’ cromadh gu leanaibh airson a bhaisteadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Drummond, Peter 1992. Scottish Hill and Mountain Names. Glasgow: Scottish Mountaineering Trust

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]