Sgùrr Thearlaich
Co-chomharran: 57°12′24″N 6°13′22″W / 57.206639°N 6.222906°W
Sgùrr Thearlaich | |
---|---|
Sgùrr Thearlaich air an làimh dheas, Sgùrr Alasdair sa mheadhan is Sgùrr Sgumain air an làimh chlì | |
Àirde (m) | 787 |
Màthair-mhullaich | Sgùrr Alasdair |
air liosta | Murdo |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | an t-Eilean Sgitheanach |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (32) OS Explorer (411) |
Comharradh-clèithe | NG450207 |
'S i beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Sgùrr Thearlaich. Tha i 787 m a dh'àirde. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àird na beinne san 8 an t-Ògmhios 2009.[1] Chaidh Sgùrr Thearlaich ainmeachadh às dèidh an t-sreapadair ainmeil Charles Pilkington. ’S e ball dhen Scottish Mountaineering Club a bh’ ann agus stiùirich esan, ann an 1887, a’ chiad dìreadh dhen a’ bheinn air an robh North-East Peak [2] gu ruige sin. Is iongantach gun robh ainm Beurla air a’ bheinn, oir tha ainmean Gàidhlig air na beanntan eile air fad agus chan eil e coltach gur e sin an t-ainm a bha air Sgùrr Thearlaich bho thùs. Tha Sgùrr Thearlaich air sgarradh bho Sgùrr Dubh leis an Tearlach-Dubh-Gap (TD-Gap mar a tha aig streapadairean Sasannach), beàrn anns an druim a tha ga dhèanamh doirbh an druim a leantainn gun ròpa.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)
- ↑ Forbes, Alexander R. 1923; The Place-Names of Skye. Paisley: Alexander Gardner
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 449 208
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid