Bha Alexei Anatolievich Navalny (Ruisis: Алексей Анатольевич Навальный, [ɐlʲɪkˈsʲej ɐnɐˈtolʲjɪvʲɪtɕ nɐˈvalʲnɨj]) (4 an t-Ògmhios 1976 - 16 an Gearran 2024)[1] ’na cheannard air a’ phàrtaidh dùbhlanach Ruiseanach Россия Будущего (Ruis na h-ama ri teachd), ’na neach poileataigs, lagha, agus strì an aghaidh coirbeachd.
Anns an Lùnasdal 2020, rinneadh oidhirp a phuinnseanachadh. Chaidh a thoirt ann an cunnart a bheatha gu ospadal ann am Berlin fad mìosa, ach thàinig e slàn. Chuir e an coire air Vladimir Putin. Thill e dhan Ruis air 17 am Faoilleach 2021, chaidh a chur an greim sa bhad, agus chaidh a chur dhan phrìosan le binn dà bhliadhna gu leth, rud a dh’adhbharaich iomairtean móra air na sràidean.