Jump to content

Târgoviște

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 08:22, 22 dhen Lùnastal 2021 le Allmhurach (deasbaireachd | mùthaidhean) (Daoine ainmeil)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Târgoviște
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Dâmbovița
Co-chomharran 44° 55 28' Tuath
25° 27 26' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 50.40 km²
Àireamh-shluaigh 79,610 (2011)
Dlùths 1,579.56/km²
Àireamh fòn +40 02 45
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Pitești agus Ploieşti, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann an Târgoviște (IPA: tɨrˈɡoviʃte, Gearmailtis: Tergowisch). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Ialomița, aig 292m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Dâmbovița. Tha 79,610 duine a' fuireach ann.[1]

'S ann às an fhacal търг (Gàidhlig: Margaidh) ann am Bulgàiris agus an t-iar-leasachan -ești s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Moesia inferior. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1396. B' ann ann an Târgoviște a bha Vlad Țepeș air a chrùnadh ann an 1456.[3] Bha e na phrìomh-bhaile Prionnsalachd Tìr nan Romàinianach (Romàinis: Principatul Țării Românească) eadar 1418 agus 1659. Thog Matei Basarab mùr mu timcheall a' bhaile agus sgeadaich e an eaglais. B' ann ann an Târgoviște air 25 an Dùbhlachd 1989 a chaidh Nicolae Ceauşescu agus a bhean dhìteadh le chùirt armailteach agus a chur gu bàs.[4]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Thomas M. Bohn, Adrian Gheorghe, Albert Weber: Corpus Draculianum. Dokumente und Chroniken zum walachischen Fürsten Vlad dem Pfähler 1448–1650. Band 3: Die Überlieferung aus dem Osmanischen Reich. Postbyzantinische und osmanische Autoren. Harrassowitz, Wiesbaden, 2013, ISBN 978-3-447-06989-2.
  4. Behr, E. (1991). Kiss the hand you cannot bite: the rise and fall of the Ceaușescus, Lunnainn, Hamish Hamilton.