Tannara Mhòr
'S e Tannara Mhòr (Beurla: Tanera More) an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Samhraidh. Tha i suidhichte ann an inbhir Loch Bhraoin. Tha i cho mòr ri 310 heactair (1.2 mìle ceàrnagach). Anns a’ bhliadhna 2001 bha coignear a’ fuireach an seo. Tha oifis a’ phuist is cafaidh ann, agus tha tuathanach bradain ann.
Chan eil rathaidhean air an eilean, tha slighe a-mhàin a’ dol timcheall a’ bhàidh ris an canar “the Anchorage”. Tha an slighe a’ toiseachadh san àird an earra-thuath an eilein aig Rubh’ Àrd-na-goine, a’ dol sios chun a' chidhe gu Garadheancal san àird an earra-dheas. Tha bàtaichean a’ dol eadar an eilean agus Aichillidh Bhuidhe, a tha mu 1.5 mìle air falbh san tìr–mòr Alba.
'S e Meall Mòr (124 metair) a’ bheinn as àirde ann an Tannara Mhòir.
Thàinig an t-ainm Tannara bhon Seann Lochlannais, tha a’ ciallachadh: "Eilean arcasaidh".[1]
Bhon bhliadhna 1970 bidh an Summer Isles Philatelic Bureau a’ foillseachadh stampaichean às an eilean fhèin airson nam miltean de na luchd-turais a tha a’ tadhail air Tannara Mhòir gach bliadhna. [2]
Litreachas[deasaich]
Anns na 1930an bha Frank Fraser Darling, neach-glèidhteachais nàdair, a’ fuireach ann an Tannara Mhòir airson dà bhliadhna. Sgrìobh e an leabhar "Island Years" (foillsichte ann an 1940) mun àm ud.
Iomraidhean[deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 111, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Oifis a' phuist Tannara Mhòir
Ceanglaichean a-mach[deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NB 987 075
- Duilleag oifigeil nan Eileanan Samhraidh
Càrn Iar • Càrn Deas • Càrn nan Sgeir • Eilean a' Bhotail • Eilean a' Bhuic • Eilean a' Chlèirich • Eilean a' Chàr • Eilean Dubh • Eilean Fada Mòr • Eilean nan Eich • Eilean Mhàrtainn • Eilean Mullagrach • Eilean Ruisteil • Glas-leac Beag • Glas-leac Mòr • Meall nan Gabhar • Sgeir nam Feusgan • Tannara Bheag • Tannara Mhòr