Càrn nan Sgeir

O Uicipeid
Càrn nan Sgeir, ròin air an tràigh

'S e eilean beag a tha ann an Càrn nan Sgeir. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba air ceann Loch Bhraoin. 'S e aon de na h-Eileanan Samhraidh a th' ann. Tha e suidhichte air àirde a deas Eilean nan Eich agus air àird a tuath an eilean Meall nan Caorach. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 57′ 39.61″ Tuath agus 5° 21′ 40.78″ Iar. Tha an t-àite as àirde 28 meatair os cionn na mara.

Ged a tha an cuid as motha de na Eileanan Samhraidh à clach-ghainmhich, tha talamh Càrn nan Sgeir à gneiss Leòdhasach. [1]

Chan eil duine sam bith a' fuireach ann.

Tha na h-aiseagan Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' dol seachad air anns an t-siubhail aca eadar Ulapul is Steòrnabhagh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 194; Dùn Èideann, Canongate. ISBN 9781847672773

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC 012 018