Càrn Deas

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e eilean beag a tha ann an Càrn Deas. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba air ceann Loch Bhraoin. 'S e aon de na h-Eileanan Samhraidh. Tha e suidhichte eadar Eilean a' Bhotail is Eilean Dubh. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 57′ 37.08″ Tuath agus 5° 26′ 59.64″ Iar. Tha an t-àite as àirde 42 meatair os cionn na mara.

Tha Càrn Deas ceangailte le Càrn Iar air àird an iar le sgeirean, ma bhios a’ mhuir air falbh. [1] Tha streath de sgeirean ann air àirde an ear dheth ris an canar Sgeirean Glasa. Eatorra tha Caolas nan Sgeirean Glasa ann.

Chan eil duine sam bith a’ fuireach ann.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 199; Dùn Eideann, Canongate. ISBN 9781847672773

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]