Eilean a' Chàr

O Uicipeid
Eilean a' Chàr; sealladh bho Thannara Bheag. Tha Eilean Mullagrach agus Eilean Ruisteil air a chulaibh

'S e eilean beag a tha ann an Eilean a' Chàr. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba air ceann Loch Bhraoin. 'S e aon de na h-Eileanan Samhraidh a th' ann. [1] Tha e suidhichte air àirde a tuath Tannara Bheag agus air àird an iar-thuath Eilean Fada Mòr. Tha an t-eilean Glas-leac Mòr air àird an iar thuath dheth.

'S e seo na co-chomharran aige: 58° 1′ 14.82″ Tuath agus 5° 26′ 43.59″ Iar. Tha an t-àite as àirde 30 meatair os cionn na mara.

Chan eil duine sam bith a’ fuireach ann.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 199; Dùn Eideann, Canongate. ISBN 9781847672773

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]