Socorro (Santander)

O Uicipeid
Socorro
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Santander
Sgìre Comunera
Àirde 1300m
Co-chomharran 06° 28' 04' Tuath
73° 15' 35' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 122.1 km²
Àireamh-shluaigh 29,076 (2005)
Dlùths 238.13/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile meadhanach ann an Santander, Coloimbia,[1] a th' ann an Socorro. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha shuas aig 1,300m os cionn ìre na mara agus agus 121km air falbh bho Bhucaramanga, prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e baile le gnàth-shìde mheadhanach a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 22.3˚ aige, rè na bliadhna.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1683.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile seo a stèidheachadh le José de Archila agus José Díaz Sarmiento air 16 an t-Ògmhios 1683. Chuireadh ainm Spàinnteach airsan: tha Socorro a' ciallachadh furtachd ann an Spàinntis agus tha ceithir bailtean anns An Spàinn air a bheil an aon ainm. Thogadh cathair-eaglais ann an 1873.[4] Thoisich Ar-a-mach nan Comuneros (Spàinntis: Insurrección de los Comuneros) ann an Socorro ann an 1781. Bha an t-uabhas mì-thoileachas ann a thaobh chìsean. Bha ar-a-maich a bhith ann mar-thà o chionns gu robhar a' cumail monopolaidh ann am prìsean deoch làidir agus tombaca, ach b' e na cìsean neo-chothromach agus èigheachd nan cìsean a chaidh fhoillseachadh ann an Socorro a bha aig cnag na cùise. B' e Socorro fhèin a bh' ann teis-mheadhan an ar-a-maich air sàilleabh cho làidir 's a bha malairt san sgìre.[5] An ceann ginealach, ann an 1819, chaidh Antonia Santos, a bha an sàs anns an iomairt airson neo-eisimeileachd na dùthcha, a chur gu bàs an seo.[6] B' e prìomh-bhaile na roinne a bh' ann Socorro eadar 1861 agus 1886.[7] Mean air mhean, anns an dàrna leth dhen 19mh Linn, dh' fhàsadh eaconomaidh a' bhaile na bu laige oir b' e eaconomaidh stèidhichte air àiteachas a bh' ann.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 22,997 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha 29,076 duine a’ fuireach anns an sgìrean air fad, a' gabhail a-steach nan clachan dùthchasail a-staigh crìochan a' bhaile.[8] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail nan sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann am Vélez , ach tha 0.3% dhe daoine aig a bheil freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 92.8% nan daoine ann an Socorro leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 61.4% nan dachannan.[10]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Socorro. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Las Distancias
  3. Climate Data
  4. Vanguardia
  5. Colombia Aprende
  6. Bernd Marquardt: Staat, Demokratie und Verfassung in Hispano-Amerika seit 1810, 1. Band, Das liberale Jahrhundert (1810–1916), Bogotá 2008
  7. Cervantes Virtual
  8. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  9. Colombia Virtual
  10. Bileag fhiosrachaidh DANE
  11. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Socorro