Seumas III Alba
| Seumas III, Rìgh Alba |
||
| Rìoghaich e: | 3 an Lùnasdal 1460 – 11 an t-Ògmhios 1488 | |
| A' leantainn: | Seumas II | |
| Sliochd |
Seumas IV |
|
| Oighre | Seumas IV | |
| Cèile-pòsda | Mairead dhen Danmairc | |
| Taigh Rìoghail | Na Stiùbhartaich | |
| Athair | Seumas II | |
| Màthair | Màiri de Guelders | |
| Rugadh e: | Mu 1451 | |
| Eug: | 11 an t-Ògmhios 1488, Blàr Sauchieburn | |
| Àite-tiodhlacaidh: | Abaid Camus Choinnich, Alba | |
Chaidh Seumas III a chrùnadh na ghille beag ann an Abaid Kelso goirid às dèidh bàs athar, Seumas II, aig sèiste Chaisteal Rosbrog (3 an Lùnasdal 1460).
Na òige, chaidh a dhùthaich a riaghladh le tanaistearan mòra nach robh ach a-mach air an son fhèin; b' iad feadhainn de theaghlach mòr nam Bòideach a bu mhotha buaidh air an rìgh òg. Chuir iadsan am pòsadh air dòigh eadar Seumas agus Mairead dhen Danmairc an 1469; ri linn a' phòsaidh seo, fhuair Alba sealbh air Sealtainn agus Àrcaibh a rèir tochradh Mhairead (bha na h-eileanan seo le Nirribhidh roimhe sin).
Cha robh Seumas III a-riamh measail aig muinntir a dhùthcha; cha do chuir e sùim ann an cumail na còrach, agus chuir e co-bhanntachd air dòigh eadar Alba is Sasainn - rud a bhiodh a' cur air a chuid uaislean, a mhiannaich cogadh leis an t-seann nàmhaid.
B' fheàrr le Seumas a dharna mac a bu shine - Seumas, Diùc Rois - na am fear a bu shine, am prionnsa Seumas. Mu dheireadh thall, rinneadh ar-a-mach le uaislean na dùthcha, agus am prionnsa òg aig an ceann. Chaidh cath mòr a chuir aig Sauchieburn, Siorrachd Sruighlea (11 an t-Ògmhios 1488), agus chaidh Seumas III a mharbhadh.
Airson iongnadh, bha a mhac Seumas aois 15 agus ullamh gu riaghladh - rud a bha na annas airson nan Stiùbhartach, dham b' àbhaist a bhith a' fàgail naoidheanan às an dèidh.