Seumas II Alba
O Uicipeid
| Seumas II, Rìgh Alba |
|||
| Rìoghaich e: | 21 An Gearran 1437 – 3 an Lùnasdal 1460 | ||
| A' leantainn: | Seumas I | ||
| Sliochd | Seumas III; Alasdair, Diùc Albanaidh; Iain, Iarla Màrr; Mairead; Màiri |
||
| Oighre | Seumas III | ||
| Cèile-pòsda | Màiri de Gueldres | ||
| Taigh Rìoghail | Na Stiùbhartaich | ||
| Athair | Seumas I | ||
| Màthair | Joan Beaufort | ||
| Rugadh e: | 16 an Dàmhair 1430 | ||
| Eug: | 3 an Lùnasdal 1460, aois 29 Caisteal Rosbrog, Siorrachd Rosbrog |
||
Coltach ri iomadach fear (agus tè) dhe na rìghrean Stiùbhartach, ghairmeadh rìgh dheth Seumas II na naoidhean (chaidh athair Seumas I a mhurt le uaislean an-riaghlaidh), agus cha do dh'fhàg e ach naoidhean às a dhèidh.
Chaidh a mharbhadh, gun e ach 29 bliadhna a dh'aois, aig sèiste Caisteal Rosbrog (a bha an sealbh Shasainn aig an àm) ann an 1460, nuair a sprèidh fear dhe na gunnaichean-mòra, air an robh e cho measail, ri thaobh.
Chithear fhathast craobh a' fàs, a chaidh a chur airson an dearbh àite a chomharrachadh; tha a' chraobh seo a-nis air fearann Caisteal Floors, Siorrachd Rosbrog.
