Seumas IV Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Seumas IV, Rìgh Alba
James IV of Scotland.jpg
Rìoghaich e: 17 am Màrt 1473 – 9 an t-Sultain 1513
A' leantainn: Seumas III
Sliochd Seumas; Artair; Alasdair (a chaochail òg uile)

Seumas

Oighre Seumas V
Cèile-pòsda Mairead Tudor
Taigh Rìoghail Na Stiùbhartaich
Athair Seumas III
Màthair Mairead dhen Danmhairg
Rugadh e: 17 am Màrt 1473, Caisteal Sruighlea, Alba
Eug: 9 an t-Sultain 1513, Blàr Flodden (aois 40)
Àite-tiodhlacaidh: Gun aithne

Ghairmeadh Rìgh Alba dheth Seumas IV nuair a chaidh athair, Seumas III, a mharbhadh le cuilbheirt às dèidh Bhlàr Allt nan Seileach (Beurla: Sauchieburn - 11 an t-Ògmhios 1488). Bha Seumas, mas fhìor, aig ceann nan reubaltach a rinn ar-a-mach an aghaidh athar, ged nach robh e ach na ghille òg san àm. A-riamh bhon uair sin gu latha a bhàis, chaith Seumas IV crios-iarrain trom mu chneas gach inid, mar nàdar de aithreachas.

Is fhada bho bha eachdraichean dhen bharail gur h-e a bu chomasaiche dhe na rìghrean Stiùbhartach, agus shoirbhich le Alba fo riaghladh. Stèidhich e oilthigh leighis ann an Obar Dheathain, agus bhrosnaich e malairteachd is na h-ealain; bha e fhèin ionnsaichte is iomadach cànan aige, Gàidhlig nam measg.

Tha cuid a' cumail a-mach gun robh Seumas IV na Rìgh Alba mu dheireadh a bha fileanta sa Ghàidhlig. Tha fios againn gun robh Gàidhlig aige bhon fhianais a dh'fhàgadh le fear Pedro Ayala, an tosgaire Spàinnteach - uime sin, 's e Seumas am fear mu dheireadh air a bheil fios le cinnt againn, ged a tha cuid eile ag ràdh gun do bhruidhinn Seumas V i. Ach Gàidhlig ann no às, 's e Seumas IV a chuir às do Thighearnas nan Eilean ann an 1493; bha an tighearnas air fàs ro chumhachdach, chun na h-ìre far an do chuir e an rìgh fhein gu dùbhlan.

Bha e a' mhiannachadh gum biodh sìth eadar Alba is Sasainn; air an dòigh sin phòs e Mairead Tudor, nighean Eanraig VII, ann an 1503 - thuirte "pòsadh a' chluarain san ròs" ris a' phòsadh seo.

Ach bhris cogadh a-mach a-rithist eadar an dà dhùthaich, agus chaidh Seumas IV a mharbhadh a' sabaid aig ceann airm, latha Blàr Flodden (9 an t-Sultain 1513), batail mòr an ceann a-tuath Shasainn an aghaidh nan Sasannach. Bha e mar amas aige cuideachadh a thoirt do na Fraingich, oir bha cogadh ann eadar an Fhraing agus Sasainn aig an àm.

Dh'fhàgadh a mhac Seumas V na rìgh, ged nach robh e ach bliadhna a dh'aois. Dh'fhosgail seo an doras gu amannan glè dhoirbh airson Alba.

Seumas Stiùbhart, ceathramh Rìgh Seumas Alba
(neach-ealain: gun urra)