Sòrbais

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sòrbais (serbšćina)
Ga bruidhinn ann(s)
Luchd-labhairt iomlan

mu 50.000

Teaghlach-chànan

Indo-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Cànan oifigeil ann(s) a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 -
ISO 639-2 wen (teaghlach chànan)
hsb (Sòrbais Uarach)
dsb (Sòrbais Ìosal)
ISO 639-3 hsb (Sòrbais Uarach)
dsb (Sòrbais Iosal)
Roinnean anns a' Ghearmailt, far a bheil Sòrbais ga bruidhinn

Is e cànan Indo-Eòrpach a tha ann an Sòrbais. Tha an cànan a’ buntainn do theaghlach nan cànanan Slàbhach. San eachdraidh bha ainmean eile air: Wendish neo Lusatian. 'S e "wen" an còd ISO 639-2 a tha air.

Tha Sòrbais ga bruidhinn air a' chrìoch eadar a' Phòlainn agus a' Ghearmailt agus ann am Brandenburg cuideachd.

An Cànan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà chànan ann: Sòrbais Uarach (hornjoserbsce, Beurla: Upper Sorbian) agus Sòrbais Ìosal (dolnoserbski, Beurla: Lower Sorbian). Tha Sòrbais Uarach ga bruidhinn ann an Sagsainn le gu bhith 40,000 duine agus tha Sòrbais Ìosal ga bruidhinn ann am Brandenburg le gu bhith 10,000 duine. Canar Lusatia (Łužica ann an Sòrbais Uarach, Łužyca ann an Sòrbais Ìosal, neo Lausitz anns a' Ghearmailtis) ris an àite, far am bi an dà chànan a' bhruidhinn.

Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais mar mhion-chànain. [1]. 'S e teis-meadhan beatha cultarach Sòrbais Uarach a tha anns a' bhaile Bautzen neo Budyšin ann an Upper Lusatia. An seo tha Ionad na Sòrbais (Sorbisches Institut - Serbski institut) suidhichte, a tha a’ dèanamh rannsachadh mun eachdraidh, chultar agus chànan Sòrbais.

Tha Cottbus (Chóśebuz) na teas-mheadhan den chànain Sòrbais Ìosal.

Tha Sòrbais ga bruidhinn cuideachd ann an sgìre bheag ann an Lee County, Texas.

Tha cuid ainmean anns a' Ghearmailt an Ear a' tighinn à Sorbais, m.e.:

Eisimpleir[deasaich | deasaich an tùs]

Seo eisimpleir le Sòrbais agus Gàidhlig a tha a' sealltainn an diofair eadar Sòrbais Uarach is Sòrbais Ìosal:

Gàidhlig Sòrbais Uarach Sòrbais Ìosal
Halò! Witaj! Witaj!
Madainn mhath! Dobre ranje! Dobre zajtšo!
Latha math! Dobry dźeń! Dobry źeń!
Feasgar math! Dobry wječor! Dobry wjacor!
Oidhche math! Dobru nóc! Dobru noc!
Tha mi à ... Ja sym z ... Ja som z ...
Ciamar a tha sibh? Kak so wam wjedźe/dźe? Kak se wam źo?
Ciamar a tha thu? Kak so ći dźe? Kak se śi źo?
Tha gu math, tapadh leibh/leat. Dźakuju so, wjedźe/dźe so mi derje. Źěkuju se, źo se mě.
Tha i brèagha an-diugh, nach eil? Rjane wjedro dźensa, něwěrno? Rědne wjedro źinsa, nic ga?
mas e do thoil/ur toil e prošu pšosym
tapadh leat/leibh dźakuju so źěkuju se
A bheil sibh a’ bruidhinn Sorbais? Rěčiće serbsce? Powědaśo serbski?
Càite am b’ urrainn dhomh… a cheannachd? Hdźe móžu ... kupić? Źo mogu ... kupiś?
Cia mheud a tha ...a’ cosg? Kelko płaći ...? Wjele płaśi ...?
Càite am b’ urrainn dhomh cupa cofaidh òl? Hdźe móžu šalku kofeja pić? Źo mogu tasku kafeja piś?
Slàinte! K strowosći! Na Wašo strowje!
Slàn leat! Božemje! Na zasejwiźenje!
Tìoraidh! Měj so rjenje! Měj se derje!

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  1. European Charter for Regional or Minority Languages

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]