Liborina

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Liborina
Flag of Liborina.svg Coats of arms of None.svg
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Antioquia - Liborina.svg
Sealladh air a' bhaile
Sandiegoliborina.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Antioquia Department.svg Antioquia
Sgìre Occidente
Àirde 700m
Teodhachd 24˚
Co-chomharran 04° 41' 04' Tuath
76° 48' 58' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 217 km²
Àireamh-shluaigh 9,475 (2005)
Dlùths 43.66/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann Liborina. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 700m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 115km bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. ‘S e baile le clìomaid teth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1832.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Nutabes an t-ainm a bha air a' bhaile o thùs, bho ainm nan Tùsanach a bha nan tàmh an seo ro àm nan Spàinnteach.[3] Chaidh an t-ainm aige a dh'atharrachadh gu Liborina ann an 1883, an sloinneadh aig a' churaidh Liborino Mejía Gutiérrez,[4] a bha an sàs anns a' chogadh an aghaidh na Spàinne.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich Jorge Martínez am pròiseas airson Liborina a sgaradh bho Sacaojal ann an 1832, leis gun robh 703 duine a’ fuireach anns an àite far a bheil am baile an latha an-diugh.[5] An ceann bliadhna chaidh am baile a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (17981845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Liborina, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[6] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 9,475 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 7,619 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[7] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ ann ann am Liborina fhathast.

A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Liborina, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 7.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.6% dhe na daoine ann an Liborina leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 14.3% dhe na dachannan.[9]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Liborina. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Liborina

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa oifigeil na roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle
  4. Leabharlann Luis Angel Arango
  5. Fiosrachadh a’ Chomhairle
  6. Leabharlann Luis Angel Arango
  7. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  8. Colombia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia