Ebéjico

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ebéjico
Flag of Ebéjico.svg Escudo de Ebejico.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Antioquia - Ebejico.svg
Sealladh air a' bhaile
[[Image: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Antioquia Department.svg Antioquia
Sgìre Occidente
Àirde 1125m
Teodhachd 23˚
Co-chomharran 06' 19' 43' Tuath
76° 46' 07' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 235 km²
Àireamh-shluaigh 12,511 (2005)
Dlùths 53.24/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann Ebéjico. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1,125m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 40km bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. ‘S e baile le clìomaid teth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1830.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S e ainm Tùsanach a th'ann Ebéjico, bho na Ebéxico, ainm nan Tùsanach a bha na tàmh anns an àite, ro àm nan Spàinnteach, far a bheil am baile an latha an-diugh. Thathar a' creidsinn gur e buidheann Nutabe a th'annta.[3]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile ris an canar Ebéjico an latha an-diugh a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (17981845), ann an 1830 anns a' Ghlean Miraflores.[4] Bha Aranzazu fhathast na Riaghladair ann an Antioquia aig an àm. A bharrachd air Ejébico, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Liborina, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[5] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 12,511 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 10,383 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ann ann am Ebéjico fhathast.

A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ebéjico, ach tha 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 81% dhe na daoine ann an Ebéjico leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 28.6% dhe na dachannan.[8]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ebéjico. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Ebéjico (Medellín)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa oifigeil na roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle
  4. Fiosrachadh a' Chomhairle
  5. Leabharlann Luis Angel Arango
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia