Cocorná
Cocorná
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Oriente | ||||
| Àirde | 1300m | ||||
| Teodhachd | 23˚ | ||||
| Co-chomharran | 06' 03' 39' Tuath 75° 11' 21' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 210 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 15,119 (2005) | ||||
| Dlùths | 72/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Cocorná. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1,300m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 79km bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. ‘ S e baile le clìomaid teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1830.
Susbaint |
Freumhan an Ainm [deasaich]
Thathar a' creidsinn gur ann às an ainm Cocorná, ceann-feadhna Tùsanach na sgìre, a tha ainm a' bhaile.[3] 'S e ainm Tùsanach a th'ann bho na Tamahí, tuatha a bha nan tàmh an seo nuair a ràinig na Spàinntich.[4]
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Tha 15,119 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 11,126 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ann ann am Cocorná fhathast.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cocorná, ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 79.5% dhe na daoine ann an Cocorná leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 15.5% dhe na dachannan.[7]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cocorná. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèisean Molienda: an Dùbhlachd.
- Fèisean a' Chùil Trova agus an Teòclaid: 20mh an Dùbhlachd.
- Latha Steidheachadh a' Bhaile: 20mh an Lùnasdal.
- Tilleadh: am Faoilleach.
Ceanglaichean A-mach [deasaich]
An t-sìde ann an Cocorná (Rionegro)