Campamento (Antioquia)
Campamento
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Norte Antioqueño | ||||
| Àirde | 1700m | ||||
| Teodhachd | 24˚ | ||||
| Co-chomharran | 06° 58' 55' Tuath 75° 17' 59' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 200 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 9,688 (2005) | ||||
| Dlùths | 48.44/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Campamento. Tha e suidhichte aig 1,700m os cionn ìre na mara aig astar dhe 149m bho Mhedellín. ‘S e baile le clìomaid teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1827.
Susbaint |
Eachdraidh [deasaich]
Thàinig na ciad tìrichean gus an àite far a bheil Campamento ann an 1827, leis an t-Sagart José Antonio Palacios Izaza os an cionn.[3] An ceann ochd bliadhna chaidh am baile a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (1798 – 1845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Campamento, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Liborina, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[4] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Tha 9,688 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 7,238, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh uabhasach traidiseanta a th’ann.
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Campamento. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Mapa oifigeil na roinne
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Fiosrachadh a’ Chomhairle
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Country Studies: Colombia