George Washington

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
George Washington
George Washington

Ann an rèim
30mh an Giblean, 1789 – 4mh am Màrt, 1797
Iar-Ceann-suidhe   John Adams
Leantail John Adams

Ceannard an Airm Tirmorach
Ann an rèim
15 an t-Ògmhios, 1775 – 23 an Dùbhlachd, 1783
Leantail Henry Knox

Breith 22 an Gearran, 1732
Siorrachd Westmoreland, Tìr-Imrich agus Tighearnas Virginia, Ameireagaidh a Tuath Bhreatainneach
Bàs 14 an Dùbhlachd, 1799
Mount Vernon, Virginia, Stàitean Aonaichte
Pàrtaidh
poileataigeach
An-eisimeileach
Pòsadh Martha Dandridge Custis
Dreuchd Fear-malairt
Creideamh Easbaigeachas
Ainm-sgrìobhte George Washington signature.svg

Airson aistean eile, faic Washington

Bha George Washington air leth cudthromach ann an tràth-eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. Bha e na cheannard cudthromach os cionn feachdan Ameireaganach ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna (1754-1763) an aghaidh nam feachdan Fraingeach ann an Ameireagaigh.

Aig àm an Ar-a-mach Ameireaganach‎ (1775-1783), bha George Washington na Sheanailear os cionn nam feachdan Ameireaganach an aghaidh nam feachdan Breatannach.

Bu chiad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte e (1789-1797).

Òige[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh George Washington air 22 an Gearran, 1732 air fearainn a theaghlaich ann an Westmoreland County, Virginia. Ann an 1748, bha e mar-thà na fhear-thomhais talmhainn agus ann an 1749 fhuair e dreuchd mar fhear-thomhais talmhainn ann an sgìre a bh’ air ùr-chruthachadh, Culpeper County. Bha e mar dhleastanas dhà cuideachd a bhith a’ stiùireadh trèanadh a’ mhailisidh ionadail.

Dealbh de Sheòras Washington na dheise-airm.

Cogadh nan Seachd Bliadhna (no “Cogadh nam Fraingeach ’s nan Innseanach Ruadh”)[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1753, thòisich an Fhraing air sreath de dhùin a thogail sa sgìre Ohio a bha na laighe mun iar, air taobh thall nam Beanntan Appalaiseanach. B’ e an rùn aca an ceangal eadar Louisiana ’s Canada a dhaingneachadh. Ach bha tagraidhean aig na tìrean-imrich Breatannaich, Virginia agus Pennsylvania, air na dearbh sgìrean. Chaidh George Washington a chur a dh’ionnsaigh nam Fraingeach ann an sgìre Ohio airson faicinn dè cho làidir sa bha iad, agus gus iarraidh orra an sgìre-sa fhàgail cuideachd. Dhiùlt na Fraingich sin a dhèanamh agus an ath-bhliadhna, chaidh Washington a chur air ais dhan sgìre Ohio ach an turas seo os cionn Reiseamaid Virginia a bh’ air ùr-chruthachadh airson ruaig a chuir air na Fraingich. Bhuannaich e ann an còmhraig ri buidhinn bheag de 30 Fraingich air 28 an Chèitean, 1754. An uair sin, thog iad dùn car lag ris an tuirt iad Fort Necessity. An ceann greis, chaidh an cuairteachadh le feachd Fhraingeach ’s b’ fheudar do Washington gèilleadh dhaibh. Leig na Fraingich mu sgaoil e, ach an ath-bhliadhna bha Washington air ais le feachd a bha fo stiùir a’ Sheanaileir Edward Braddock. Thachair iad ri na Fraingich aig blàr Monongahela; chaidh na Fraingich a ruagadh ach chaidh Braddock fhèin a mharbhadh. A dh’aindeoin sin ge-tà, fhuair Washington deagh chliù; chaidh dà each a mharbhadh fodha ’s chaidh ceithir peilearan tron chòta aige.

As t-fhoghar, chaidh Washington a shuidheachadh os cionn feachdan Virginia air fad, agus bha e a-nis mar dhleastanas dhà còrr is 300 mìltean (480 km) de chrìochan a dhìon. Mhair e san dreuchd seo gu 1758. Bu mhiann leis a bhith na oifigear san arm Bhreatannach, ach cha robh na Breatannaich a’ cur mòran suim anns na h-Ameireaganaich agus dhiùlt iad oifigeach a dhèanamh dheth; dh’fhàg e a dhreuchd, thill e dhan tuathanas aige fhèin agus chaidh e an sàs ann am poileataics.

Eadar na Cogaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Air 6 am Faoilleach, 1759, phòs Washington a’ bhanntrach Martha Dandridge Custis, agus dh’fhuirich iad còmhla aig Mount Vernon. Thog iad an dithis mhac a bh’ aicese mar-thà. Cha robh clann aca riamh còmhla.

Le bhith a’ pòsadh banntrach bheairteach, dh’fhàs oighreachd Washington gu mòr. Fhuair e an treas chuid de na 73km2 a bha ann an sealbh Martha Custis, agus bha e a’ coimhead às dèidh an cuid fearainn às leth clann a mhnà. A bharrachd air a sin, bhiodh e a’ ceannach tuilleadh fearainn dha fhèin agus choisinn e fearann a bharrachd ann an West Virginia air sgàth a sheirbhis sa chogadh. Bha spèis mhòr aig muinntir Virginia dhà agus bha e na dhuine-uasal beairteach. Chaidh a thaghadh airson Pàrlamaid Virginia ann an 1758.

Bha Washington gu mòr an sàs san iomairt an aghaidh na Breatainne. Mar eiseimpleir, ann an 1769 mhol e do Phàrlamaid Virginia casg-malairt a chur air dòigh an aghaidh na Breatainne gus an rachadh cur às dha na Laghan Townsend. San Iuchair, 1774, bha e na chathraiche dhen choinneamh a mhol gum bu chòir Continental Congress (neo Coinneamh nan Tìrean-Imrich) a chruthachadh. Chaidh Washington a thaghadh mar bhall de Chiad Choinneamh nan Tìrean-Imrich (First Continental Congress).

An t-Ar-a-mach Ameireaganach[deasaich | deasaich an tùs]

Mar na “athairean” eile aig na SA, bha tràillean dubha aig Washington. San dealbh seo, tha e gan stiùireadh air tuathanas tombaca

Nuair a thòisich sabaid eadar feachdan Massachusetts agus an fheadhainn Bhreatannaich sa Ghiblean 1775, nochd Washington aig Dàrna Coinneamh nan Tìrean-Imrich (Second Continental Congress) sgeadaichte ann an deise cogaidh ag innse gu robh e deiseil airson cogadh. Gu dearbh, b’ esan am fear-Ameireaganach a b’ ainmeile a bha eòlach anns na dòighean cogaidh. Chruthaich an Coinneamh an t-Arm Tirmòrach (Continental Army), a chuir cruinn-còmhla san aon arm feachdan nan 13 tìrean-imrich a bha an uairsin a’ strì an aghaidh na Breatainne. Agus chaidh Washington a thaghadh mar Sheanalair os cionn an airm. Chaidh e a Bhoston far an do ghabh e smachd os cionn nam feachdan Ameireaganach a bha a’ cuartachadh nam Breatannach a bha glaicte am broinn a’ bhaile sin. Mhair an suidheachadh seo gus a’ Mhàirt, 1776 nuair a dh’fhàg na Breatannaich Boston. A-nise ghluais Washington arm a dh’ionnsaigh a’ bhaile New York. Bha na Tìrean-Imrich uile-gu-lèir, cha mhòr, a-nise fo smachd nan reubaltach agus san Iuchair, thaisbean iad gu robh iad a-nis neo-eismeileach on Bhreatainn.

Ach thill na Breatannaich san Lùnastal, 1776 a Long Island far an robh Washington agus arm. Thòisich an uairsin sreath de bhatailean sgriosail agus chaidh ruaig a chuir air Washington agus na h-Ameireaganaich gu dubh. B’ fheudar do Washington Long Island, agus an uairsin New York fhèin agus an uairsin New Jersey fhàgail an sreath a chèile. De na 20,000 saighdear a bh’ aig Washington an Lùnastal cha robh air fhàgail dha ach mu 3,000 nuair a ràinig e taobh sàbhailt na h-aibhne Delaware ann am Pennsylvania an t-seachdainn ron Nollaig, 1776. Rud a bu mhiosa na sin, bhiodh a’ chuid a bu mhotha de na saighdearan seachad leis an arm aig deireadh na bliadhna. Bha a h-uile coltas ann gu robh an ar-a-mach seachad.

Ach a dh’aindeoin cho dona sa bha cùisean, chunnaic Washington cothrom nuair a bha cha mhòr a h-uile duine eile a’ dol dhachaidh. Air taobh thall na h-aibhne ann an New Jersey, bha feachd de Hesianaich ann a bha a’ gabhail fasgadh ann am baile Trenton. Oidhche ron Nollaig, 1776, oidhche a bha stoirmeil reòite, chruinnich Washington na corra feachdan a bh’ air fhàgail aige, agus a’ cleachdadh bhàtaichean a bha e air tional chaidh e thar na h-aibhne agus ann an glasadh madainn na Nollaig, thug na h-Ameireaganaich ionnsaigh air na Hesianaich a bha fhathast cadalach agus fo bhuaidh na dibhe. Chuir na h-Ameireaganaich air na Hesianaich gu dubh. Chaidh 21 Hesianaich am marbhadh ’s chaidh 90 an leòn ’s chaidh 900 an glacadh mar phrìosanaich. Cha do dh’fhulang na h-Ameireaganaich ach 4 a chaidh an leòn.

B’ e sin, ’s dòcha, a’ bhuaidh a bu chuthdromaiche a bhuanaich Washington a-riamh, oir ro a’ bhuaidh, bha an ar-a-mach caillte agus às dèidh na buaidh, bha e fhathast beò. A dh’aindeoin cho cudthromach sa bha buaidh Washington, leann na duighleadasan aige san ath-bhliadhna ann an 1777. Aig an dearbh àm ’s a bha Feachd Bhreatanaach a’ tighinn a-nuas bho Mhontreal a’ leanntain na h-aibhne Hudson, nochd feachd eile à New York ’s chuir i ruaig air Washington 's fhuair i greim air a’ phrìomh bhaile aig an àm, Philidelphia. B’ fheudar dhan Chòmhdhail teicheadh, ’s theab Washington a dhreuchd a chall. Ach chaill na feachdan Breatanach à Canada gu dubh agus dh’aontaich an Fhraing taic a thoirt do na h-Ameireaganaich.

Air sgàth sin, chur na Breatanaich romhainn, an ath-bhliadhna, ann an 1778, Philadelphia fhàgail ’s tilleadh a New York ’s dh’fheuch Washington ionnsaigh a thoirt dhaibh air an t-slighe. B’e seo Blàr Monmouth Courthouse, aonan den dà chath am blàr fosgailte nach do chaill Washington. B’e seo am batail mu dheireadh ann an ceann a tuath nan Stàitean Aontaichte. Lean an cogadh air sa cheann a deas gun an do chaill na Breatanaich gu dubh aig Yorktown ann an Virginia san t-Sultain ann an 1781 agus ’s e Washington a a ghabh geilleadh nam Breatanach.

Ged a chaill Washington mòran chathan, an rud a bu chudtromaiche a rinn e ’s gun do lean e air co-dhiù tro gach càs agus cruadal. Agus a dh’aindeoin cho duilich sa bha cùisean aig àmannan, cha do thrèig Washington feallsanachd an ar-a-amach. Nuair a bhuanaich na h-Ameireagaich an neo-eismeileachd ann an 1783, an àite greim a ghabhail air smachd mar a bha cothrom aige, sgaip e arm ’s dh’fhàg a dhreuchd ’s thill e dhachaidh.

Beatha Phrìobhaideach ’s Duilgheadasan na Dùthcha[deasaich | deasaich an tùs]

Mar sin agus a sheirbhis dhan dùthaich aige seachad, thill e dhan bheatha phrìobheadeach aige mar thuathanach. Ach cha robh na duilgheadasan buileach seachad anns na Stàitean Aonaichte. Bho 1777, bha na Stàitean Aonaichte air an riaghladh leis a’ Chòmhdhail fo bhun-reachd ris an canar Articles of Confederation. Bha laigseachan gu leòr ann aig àm a’ chogaidh ach leis an neo-eismeileachd air a buanachadh, thàinig na laigseachan gu mòr am follais. Mar eiseimpleir, cha robh còir aig a’ Chòmhdhail cìsean a thogail ’s b’ fheudar dhi airgead iarraidh air na stàitean, agus mar bu thrice, dhiùlt na stàitean sin a dhèanamh. Ach a dh’aindeoin nan duilgheadasan cha robh aontachadh ann am measg nan stàitean air cò am fuasgladh a b’ fheàrr. Ann an 1787, chaidh co-labhairt a ghairm a chruinnich ann am Philadelphia agus iarradh air Washington bhith na fhear-cathrach aig a’ cho-labhairt. Fo a stiùir, chaidh bun-reachd a sgrìobhadh agus ’s ann a-rèir a' bhun-reachd-sa a tha na Stàitean Aonaichte air a bhith gan riaghladh gus an latha an-diugh.

A’ Chiad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte[deasaich | deasaich an tùs]

Washington air Beinn Rushmore

Chaidh Washington a thaghadh na chiad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte fon bhun-reachd ùr. Rinn e seirbhis dhà thuras mar cheann-suidhe fad ochd bliadhna gu lèir. Is Washington an aon cheann-suidhe a chaidh a thaghadh gun duine eile a bhith a’ ruith na aghaidh. A bharrachd air a sin, thòisich Washington cleachdadh cuthdromach a tha a-nis stèidhte ann an lagh. Dhiùlt e seasamh an treas turas gu bhith na cheann-suidhe. ’S e Franklin D. Roosevelt, a chaidh a thaghadh ceithir tursan mar cheann-suidhe, an aon cheann-suidhe nach do lean an cleachdadh seo.

Fo a stiùir mar cheann-suidhe ann an 1794, cho-rèitich na Stàitean Aontaichte agus a’ Bhreatainn Cunnradh Jay, cunnradh cuthdromach a sheachnaich cogadh eile eadar an dà dhùthaich agus thòisich àm sìthe agus malairt eadarra a mhair còrr is deich bliadhna.

Ann an 1794, chaidh Washington a-mach os cionn an airm as ùr ann am Pennsylvania airson aimhreit a chuir sìos. B’ e seo Ar-a-mach an Uisge-beatha (Whiskey Rebellion). Bha daoine a rinn uisge-beatha a’ gearain mu chìsean ùra an Riaghltais Fheadarail air uisge-beatha. B’ e seo fear den dà thuras a bha ceann-suidhe os cionn feachdan armaichte ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. (B’ e Seumas Madison am fear eile aig àm a’ chogaidh 1812 nuair a theich esan ’s na feachdan aige ro fheachdan Breatanach nuair a thog iad creach air a’ phrìomh bhaile Washington, D.C.

Fad ’s a bha e na cheann-suidhe, thàinig trì stàitean ùra a-steach do na Stàitean Aonaichte agus b’ iad Vermont, 4 an Cèitean 1791, Kentucky, 1 an t-Òg-mhìos 1792, agus Tennessee, 1 an t-Òg-mhìos 1796.

Dh’fhàg Washington a dhreuch mar cheann-suidhe air 4 am Màrt 1797. Thill e d’ a fhearran ann an Mount Vernon ach cha d’ fhuair e a’ bheatha phrìobhaideach a bha e ag iarraidh oir chaidh a ainmeachadh mar Seanalair Lieutanant (ìre as àirde san arm aig an àm sin) airson rabhadh a thoirt do na Fraingich a bha a’ moidheach cogadh aig an àm.

Fhuair Washington bàs air 14 an Dùbhlachd 1799.

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: