John F. Kennedy
B' e John Fitzgerald Kennedy (29 an Cèitean, 1917 - 22 an t-Samhain, 1963) an 35mh ceann-suidhe de na Stàitean Aonaichte. Sheas è bho 1961 gus an deach a mhuirt ann an 1963.
An deidh don Cheannadach obair mar ceannard an USS PT-109, eathar-cuirtiche, ann an taobh a deas an Cuan Sèimh tron an Dara Cogadh t-Saoghal thionndaidh e a shùil gu dreuchd a ghabhail mar neach-poileataigs. Sheas è airson Massachusetts ann an Taigh nan Riochdairean bho 1947 gu 1953 mar Democrat. Rinn Ceannadach a chùis air Richard Nixon, a bha na Iar Cheann-suidhe aig an t-àm, anns an taghadh - aon dha na taghaidhean is teannta ann an eachdraidh an dùthaich - a chaidh air adhart an 1960. Gabh 'n dràsta 's e Iain Ceannadach an aon Caitligeach a chaidh a thaghadh mar Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte agus an aon ceann-suidhe a tha air am Duais Pullitzer a bhuannachadh. Fhad 's a bha an riaghaltas aige ann an cumhachd thachair Ionnsaigh Bàigh nam Muc, an Cunnart Urchair an Cuba, togail Balla Bherlin, toiseach an Linn-Fhànais, an Gluasad Reachd Sobhalta Americanach agus toiseach Cogadh Bhietnam.
Chaidh Ceannadach a mhuirt air an 22 den t-Samhain, 1963, ann an Dallas, Texas. Chaidh an casaid a chuir air Lee Harvey Oswald ach chaidh deach a thoirt gu cuirt or chaidh esan a mhuirt dà latha an deidh do bàs Ceannadach nuair a loisg Jack Ruby air le gunna. Cho-dhùin an Warren Commission gun robh Oswald ag obair na aonar nuair a chaidh Ceanadach a mharbhadh ach, thuirt an House Select Committee on Assassinations an 1979 gu dòcha gun robh co-cheannairc ann. Tha an cuspair connsachail fhathast le deasbad a dol mu iomadach beachd air mar a thachair am muirt agus cò a bu choireach. 'S e tachartas geur ann an eachdraidh Ameireaganach a th' anns am muirt mar is coireach ris am buaidh a bh'aige air an dùthcha agus iarbhail poiliteagach a lean. Tha tòrr den bheachd gur e Iain Ceannadach ìomhaigh de dhòchasan agus iarrtasan Ameireaganach agus tha beachd mhath aig a chuid-mhòr den t-sluagh Ameireaganach air fhathast.
George Washington • John Adams • Thomas Jefferson • James Madison • James Monroe • John Quincy Adams • Andrew Jackson • Martin Van Buren • William Henry Harrison • John Tyler • James K. Polk • Zachary Taylor • Millard Fillmore • Franklin Pierce • James Buchanan • Abraham Lincoln • Andrew Johnson • Ulysses S. Grant • Rutherford B. Hayes • James A. Garfield • Chester A. Arthur • Grover Cleveland • Benjamin Harrison • Grover Cleveland • William McKinley • Theodore Roosevelt • William Howard Taft • Woodrow Wilson • Warren G. Harding • Calvin Coolidge • Herbert Hoover • Franklin D. Roosevelt • Harry S. Truman • Dwight D. Eisenhower • John F. Kennedy • Lyndon B. Johnson • Richard Nixon • Gerald Ford • Jimmy Carter • Ronald Reagan • George H. W. Bush • Bill Clinton • George W. Bush • Barack Obama