George W. Bush
| George Walker Bush | |
|
|
|
| Ann an rèim 20 am Faoilleach, 2001 – 20 am Faoilleach, 2009 |
|
| Iar-Ceann-suidhe | Dick Cheney |
|---|---|
| Roimhe | Bill Clinton |
| Leantail | Barack Obama |
|
|
| Ann an rèim 17 am Faoilleach, 1995 – 21 an Dùbhlachd, 2000 |
|
| Roimhe | Ann Richards |
| Leantail | Rick Perry |
|
|
|
| Breith | 6 an t-Iuchar, 1946 New Haven, Connecticut |
| Pàrtaidh poileataigeach |
Poblachdach |
| Pòsadh | Laura Welch |
| Alma mater | Oilthigh Yale |
| Dreuchd | Fear-malairt |
| Creideamh | Easbaigeachas |
| Ainm-sgrìobhte | |
Chaidh George W. Bush (rugadh 6 an t-Iuchar, 1946) a' thaghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2000 agus bhuannaich e an dara thaghadh aige ann an 2004.'S e Poblachdach a th' ann am Bush agus mus robh e na ceann-suidhe 's e Riaghladair Texas a bh' ann. S' ann bho Midland ann an Texas a bhuinneas e agus tha tuathanas aige ann an Crawford faisg air Waco.'S e ceann-suidhe a bh'ann an athair, George H. W. Bush, cuideachd a sheas eadar 1988 agus 1992.
Tha George Bush pòsta ri Laura agus tha dà nighean aca a tha nan caignich ; Jenna agus Barbara. Chaidh a' bhreith ann an Connecticut agus a dh'fhòghlam mar oileanach aig Oilthigh Yale, aon de na oilthighean is ainmeil agus is fheàrr anns an t-saoghal.'S e stiùireadair a bh'ann aig àm Chogadh Vietnam ach cha do ghabh è pàirt ann.
Anns an taghadh airson ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte an 2000 bha torr trioblaid aca ann am Florida le no bhòtaichean agus cha robh moran cinnteach co a bha air buannachadh agus cha deach aonadh a ruighean air co a bh'ann airson coir is mìos agus feum aig an Àrd Chùirt sùil a thoirt air cùisean agus taghadh co a bha air buannachadh. Thagh iad stad a chuir air na cunntaidhean agus na ath-chunntaidhean agus dh'fhiollsich iad gur è Bush a bha air buaidh fhaighinn agus a bhiodh na Cheann-suidhe. Chaidh pìos mhòr den sluagh ann an Ameireaga an aghaidh an seo agus bha torr feargach mu dheidhinn.
Sheas Bush a-rithist anns an taghadh airson ceann-suidhe ann an 2004, le John Kerry an seanaiche bho Massachusetts a seasamh na aghaidh airson am Partaidh Democratach agus bhuannaich è airson an dara àm .
An dèidh na ionnsaighean sgeimhleadh a thachair air an 11 den t-Sultain, ris an canar 9/11, dh'òrdaich Bush ionnsaigh air Afghanistan agus ann an 2003 Ìrac. Chaidh gach dùthaich a chuir fo cheannsail agus greum fhaighinn air prìomhaire na h-Iorac, Saddam Hussein agus e a-nis air dheuchainn aig cùirt airson droch-gnìomhan aige nuair a bha è an cùmhachd. Tha taghaidhean saor aca ann an Ìrac a-nis airson a chiad turas ach tha torr bhlàr is trioblaid a dol fhathast agus feagal ann gum toisich cogadh agus air-a-mach 'san dùthaich.
Bha a' chuid mhòr den t-saoghal an aghaidh an cogadh ann an Iorac agus iad a smaoineachadh gur è mearachd a bh'anna gus gun robh e ceàrr agus fiù olc a dhol a steach don dùthaich mar a chaidh. Tha feadhainn eile, gu h-àraidh luchd leanmhainn Bush, a smaoineachadh gu bheil na cogaidhean an Afghanistan agus Ìrac, mar pàirt den "War on Terrorism" a dh'fhoillsich Bush an dèidh 9/11, eiseal airson na Stàitean Aonaichte, agus an t-saoghal gu mòr, a chumail saor agus sàbhailt. 'S e aon de na rudan a tha Bush agus Aimeireaga a feuchainn ri dheanamh le na cogaidhean deamocrasaidh a leasachadh anns na sgìrean, gu h-àraidh an Ear Mheadhanach.
George Washington • John Adams • Thomas Jefferson • James Madison • James Monroe • John Quincy Adams • Andrew Jackson • Martin Van Buren • William Henry Harrison • John Tyler • James K. Polk • Zachary Taylor • Millard Fillmore • Franklin Pierce • James Buchanan • Abraham Lincoln • Andrew Johnson • Ulysses S. Grant • Rutherford B. Hayes • James A. Garfield • Chester A. Arthur • Grover Cleveland • Benjamin Harrison • Grover Cleveland • William McKinley • Theodore Roosevelt • William Howard Taft • Woodrow Wilson • Warren G. Harding • Calvin Coolidge • Herbert Hoover • Franklin D. Roosevelt • Harry S. Truman • Dwight D. Eisenhower • John F. Kennedy • Lyndon B. Johnson • Richard Nixon • Gerald Ford • Jimmy Carter • Ronald Reagan • George H. W. Bush • Bill Clinton • George W. Bush • Barack Obama