Gallaibh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Gallaibh
Sealladh air Halkirk bho Bheinn Freiceadain.

Is e an sgìre as fhàda dhan tuath air tìr mhòr de Gàidhealtachd na h-Alba a tha anns a' Ghallaibh (Beurla: Caithness). Tha i suidhichte air ceann an ear de oir-thuath na h-Alba, le Linne a' Phentland dhan thuath. Chan eil crìoch aige le sgìre eile ach A' Chataibh a' mhàin.

Susbaint

[deasaich] Dualchas & Eachdraidh

Tha dualchas Gaidhealach aig a' Ghallaibh a dh'aindeoin a h-ainm,[1] ach tha an dualchas sin air crionadh gu mòr. Thadhal na Lochlannaich gun teagamh, ach chan eil ainmean àite na sgìre a thoirt fianais ris a' bheachd gun do stèidhich Lochlannaich bailtean-fhearann idir. Ged a tha eachdraidh Lochlannach aig na h-eileanan den Arcaibh agus de Sealtainn dhan thuath, tha eachdraidh Lochlannaich aig iomadh baile sios cost an ear na Sasuinn Ioirc mar eisimplir, neo Cathair Corcaigh an Eirinn tòrr nas soilleir na eachdraidh "Lochlannaich" na Gallaibh.

Mhair a' Ghaidhlig anns na sgìrean siarach den Ghallaibh dhan 20mh linn.

A rèir an New Statistical Account de 1841, bu gann gun tuigsear facal Gàidhlig taobh sear de Burn of Clyth, agus air an taobh siar dh'fhuiling a' Bheurla an dearbh dàin.

Ann an 1911 bha a' Ghàidhlig aig 1,685 daoine, a' riochdadh 6.7% den sluagh, ged nach robh ach 22 dhaibh na b' òige na 20 bliadhna.

"Tha meomhrag preisbeatraidh de 1727 ag ràdh de 1,600 daoine a bha air 'ruigsinn inbheas', nach robh ach Gàidhlig a-mhàin aig 1,500, agus cha robh ach còignear le comas leughaidh. B' i a' Ghàidhlig aig an àm seo na prìomh chainnt anns a' chuid bu mhòr de na paraisdean ach airson Bower, Canisbay, Dunnet agus Olrig".[2]

[deasaich] Bailtean

Is e Inbhir Ùige a tha suidhichte air an taobh searach, prìomh-bhaile na sgìre. Tha an taigh staile "Pultney Town" agus càla meadhanach mòr aig a' bhaile. Tha Inbhir Theòrsa, dara bhaile a' Ghallaibh air a' chòst a tuath. Is ann aig Scrabster, baile iasgaich 2 mhìle dhan iar a Inbhir Theòrsa a tha an aiseag airson an Arcaibh. Tha flacais niuclasachd aig Dùn Raith.

[deasaich] Taigh Iain Ghròit

Taigh Iain Gròit

Tha a' Ghallaibh ainmeil airson "Taigh Iain Gròit", far an robh Duitseach don b'ainm Iain a ruith aiseag dhan Arcaibh uaireigin anns an linn Hainseatachd. Bha fàradh an aiseig seo a' cosgadh gròt. A rèir na h-ughdarrasan Turasachd tha Taigh Iain Ghròit aig a' phuing as fhada dhan thuath air Tìr Mhòir na h-Alba. Gu mi-fhortunach chan eil seo fior: Tha Ceap Wrath anns a' Chataibh aig ceann siar den chòst an thuath nas fhaisge air a' Mhùl.

[deasaich] Rianachd na Sgìre

Bha a' Ghallaibh na siorrachd fa-leth sios gu 1974, nuair a chaidh eagar ùr air riaghaladh ionadail na h-Albainn, bho 1974 gu 1996 bha da inbhe de riaghaltas ionadail air feadh Alba. Rè an uine sin bha a' Ghallaibh na sgìre (le comhairle sgireil) de Roinn na Gaidhealtachd. Chaidh ath-reiteachadh air riaghaltas ionadail na dùthcha a-rithist ann an 1996, chaidh a' Ghallaibh air a pasgadh a-steachd ris roinn ùr don ainm "A'Ghaidhealtachd". Mhair siostam rianachd stèidhichte air na sgirean de 1974 airson deichead eile gu Giblean 2007, nuair a chaidh ath-eagarachadh air a' Chomhairle, a tha an diugh air an roinneadh airson aobharan rianachd eadar trì sgìrean. Tha a' Ghallaibh pàirt den sgìre a thuath.

[deasaich] Iomradh

  1. Old Statistical Account
  2. Eadar-Theagaichte bho: Omand, D. From the Vikings to the Forty-Five, in The Caithness book

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

[deasaich] Faic cuideachd

Siorrachdan traidiseanta na h-Alba

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Innealan pearsanta
Namespaces
Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile