Corcaigh
| Corcaigh Cork
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | Poblachd na h-Èireann | ||||
| Ceàrn | An Mumhan | ||||
| Sgìre | Contae Chorcaigh | ||||
| Co-chomharran | 51°53’ Tuath 8° 28’ 23” Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 37.3 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 119,143 (2006) | ||||
| Dlùths | 3,194.18/km² | ||||
| Àireamh fòn | +353-(0)21 | ||||
| Duilleag oifigeil | www.corkcity.ie | ||||
Is e Corcaigh an t-ainm air Cathair agus Contae Èireannach. Tha Corcaigh suidhichte an Còigeamh na Mumhan, ainm a tha sònrachadh iar-deas na h-Èireann.
Susbaint |
[deasaich] Cathair Corcaigh
Tha Cathair Corcaigh an dara chathair as motha ann an Èire. Chaidh a stèidhicheadh le na Lochlannaich air bad de eileanan beaga agus boglachan aig inbhir na Lí. Rè ùine, thogadh talamhainn eadar na h-eileanan nàdurra le cuir crèadha as grunnd na h-aibhne air bogalaich eadar na h-eileanan. O cionn 's gun deach a leasachadh tràth mar seo, chan eil làr a' bhaile ach beagan meatair os cionn barr na mara agus leanaidh abhainn na Lí slighe luibheach tron bhaile.
Tha obair àrc-eòlais, dèanta an co-bhonn le ath-leasachadh air lorg ballan-bhruaich dèanta à fiodh daraich, a chaidh air gearradh mu 1070. Tha obair àrc-eòlais eile air dearbhadh gun togadh cuid de na longan Lochlannaich as darach Èireannach.
Drochaidean: Tha coir is dusan drochaidean thar an Li anns a' bhaile, na measg Drochaid Ui Cleirig a chaidh air togail an 1776.
Foghlam: Tha Colaisde de Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann aig Corcaigh (UCC), còmhla le Institiud Teicneolais (CIT) agus Colaisde na Malairte.
[deasaich] Contae Chorcaigh
Tha an cairt dealbh a' comharrachadh na crìochan air Contae Chorcaigh