Bearghdal

O Uicipeid
Bearghdal

Sealladh air tràigh Bhearghdal
Suidheachadh
Bearghdal is located in Alba
Bearghdal
Bearghdal (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Gallaibh
Co-chomharran 58° 11′ 22″ T
3° 29′ 45″ I
Comharradh-clèithe ND120228
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 60 (1991)
Còd-puist KW7

'S e baile ann an Gallaibh a tha ann am Bearghdal (Beurla: Berriedale).[1] Tha e suidhichte air costa an ear far a bheil na h-aibhnichean Berriedale Water agus Langwater a' sruthadh ri chèile. Tha e mu 20 mìle (32 km) ear-thuath air Brùra. Ann an 1991 bha 60 duine a' fuireach an seo.[2] Tha sreath de thaighean faisg air an tràigh, b' àbhaist do na h-iasgairean fuireach an seo.[2] Chaidh eaglais a' bhaile a thogail ann an 1826 a rèir planaichean Thomas Telford.[2]

Iar-thuath air Bearghdal tha borg à Linn an Iarainn faisg air Ousdale Head. Air mullach creige faisg air a' cladach chithear tobhtaichean Caisteal Bhearghdal. Anns an 14mh linn bha an caisteal aig Reginald Cheyne no Rannald.[3] Iar air a' bhaile tha Langwell House ann a chaidh a thogail anns an 18mh/19mh linn.[4]

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Berriedale/Bearghdal”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2016.
  2. 2.0 2.1 2.2 Berriedale(Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 15mh dhen Ghearran 2017.
  3. Berriedale Castle(Beurla). Canmore. Air a thogail 15mh dhen Ghearran 2017.
  4. Langwell House(Beurla). Canmore. Air a thogail 15mh dhen Ghearran 2017.