Frìth Inbhir Làthail

O Uicipeid
Sealladh air Abhainn Braoin le Frìth Inbhir Làthail air an làimh deas
Frìth Inbhir Làthail

'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Frìth Inbhir Làthail (Beurla: Inverlael Forest). Tha e suidhichte air an rathad A835 eadar Ulapul is Gairbh, mu 6 mìle (9.6 km) deas air Ulapul. Tha Loch Bhraoin san iar oirre.

Chaidh an coille ann an Inbhir Làthail a phlanntachadh anns na 1930an[1]. An dèidh nan craobhan a leagail airson a' ciad turas, thòisicheadh air daraich, beithean, caorainn fhàs an seo gus bith-iomadachd na sgìre a leasachadh. Tha fèidh agus iolairean-buidhe a' fuireach ann an Frìth Inbhir Làthail.

Tha an sgìre math airson coiseachd air sgàth nam Beann Rothaich agus nan seallaidhean brèagha. Seo cuid de na beann:

Ann an Lael Forest Garden a tha faisg air an A835 chithear craobhan cian-thìreach, tha an fheadhainn as sine as na 1870an. Aig an àm seo bha an oighreachd aig Sir John Fowler, prìomh innleadair (còmhla ri Sir Benjamin Baker) den drochaid Linn Giùdain[2].

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Coimisean na Coilltearachd, Alba
  2. Lael Forest Garden aig Coimisean na Coilltearachd, Alba

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]