Fiadh

O Uicipeid
Fèidh
Fiadh
Seòrsa na h-eòlaidheachd
Rìoghachd:Animalia
Fìleam:Chordata
Clas:Mammalia
Òrdugh:Artiodactyla
Fo-òrdugh:Ruminantia
Teaghlach:Cervidae
Cinnidhean

Capreolinae
Cervinae
Hydropotinae
Muntiacinae

Sònraichte gu teann, tha fiadh 'na shineach ath-chagnach air buntainn ris an teaghlach Cervidae. Tha àireamh-shluaigh nam beathaichean fìor-eugsamhail, bho teaghlaichean càirdeach 'san co-eagar Artiodactyla, gu tric ainmichte fèidh cuideachd.

A' cur earbs' air an ghnè, tha fèidh fhearannach ainmichte daimh no daimh-fèidh, agus tha fèidh bhoireannach ainmichte earbaichean, èildean, aighean no . Tha fèidh òga ainmichte laoigh-fèidh no mangan.

  • Canar damh ri fiadh fhireann a tha os cionn bliadhna a dh' aois.
  • Canar agh ri fiadh bhoireann fo bhliadhna a dh' aois.
  • Canar eilid ri fiadh bhoireann os cionn bhliadhna a dh' aois.

Aois an fhèidh[deasaich | deasaich an tùs]

Trì aois coin, aois eich
Trì aois eich, aois duine
Trì aois duine, aois fèidh
Trì aois fèidh, aois fìrein
Trì aois fìrein, aois craoibh dharaich.

Ruigidh cuid den fhèidh aois mhòr, eadhon 120 - 140 bliadhna a dh' aois.

Tha làn dearbhadh aig sealgairean an fhèidh air Gàidhealtachd na h-Alba, gun robh cuid dhiubh ann am frith Ghlinne-garadh a bha 80 bliadhna agus còrr. Fhuaireadh damh ann an 1826 agus bha comharra-cluaise air a bhuineadh do fhorsair ainmeil, Eòghann mac Iain Òig a chaochail ceud gu leth bliadhna ron àm sin. Bha aon agh geal a bha ann am fàsach Loch Trèig fad chuimhne trì linntean dhaoine. Bha i cho furachail, seòlta 's nach d' fhuaireadh riamh urchair oirre.

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]