‘S e baile mòr agus port ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Donostia (Basgais) neo San Sebastián (Spàinntis). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Naomh Sebastian ann an dà chànain leis gur e Naomh a’ bhaile a th’ann an Naomh Sebastian agus oir bha taigh cràbhach ann dhàsan o shin.[1] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1180 leis an Rìgh Sancho Sèolta. Tha Donostia suidhichte aig 33m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh a' bhàigh La Concha, aig inbhir na h-aibhne Urumea.[3] Tha Donostia 356km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 76km bho Ghasteiz, prìomh-bhaile Dùthaich nam Basgach.[4] Tha 185,506 daoine a’ fuireach ann am Bilbao,[5] an treas baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[6] agus an 34mh baile as motha na Spàinne.[7] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Gipuzkoa a th' ann cuideachd.
[deasaich] Daoine Ainmeil
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
- ↑ Ortografía de la lengua española. Madrid: Espasa, 1999. ISBN 84-239-9250-0; "Apéndice 3", páginas 133-155.
- ↑ Mongabay
- ↑ Riaghaltas na Spàinne
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Eustat
- ↑ Bailtean na Cruinne
[deasaich] Ceanglaichean A-mach