Charles de Gaulle

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Susbaint

Charles de Gaulle

Bundesarchiv B 145 Bild-F010324-0002, Flughafen Köln-Bonn, Adenauer, de Gaulle-cropped.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of France.svg An Fhraing (Riaghaltas Eadar-amail)
Teirm 1 3 dhen Ògmhios 1944 gu 20mh dhen Fhaoilleach 1946
Ro-Theachdaire Philippe Pétain
Neach-Ionlaid Félix Gouin
Ainm na Dùthcha Flag of France.svg An Fhraing (5mh Poblachd)
Teirm 8mh Am Faoilleach 1959 gu 28mh An Giblean 1969
Ro-Theachdaire Réné Coty
Neach-Ionlaid Georges Pompidou
Pàrtaidh RPF, UNR, UDR
Ceann-Là Bhreithe 22mh An t-Sultain 1890
Àite Bhreithe Lille)
Ceann-Là a Bhàis 7mh An t-Samhain 1970
Àite a Bhàis Colombey-les-Deux-Églises
Bean/Fear-Chèile Yvonne Charlotte Anne Marie Vendroux
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan stàitire, saighdear

B’ Charles André Joseph Marie De Gaulle, (Lille,[1] 22na An t-Samhain 1890 – 9mh An t-Samhain Colombey-les-Deux-Églises 1970) seanailear Frangach agus stàitire a bha os cionn feachdan Saora na Frainge ri linn an Dàrna Cogaidh. Stèidhich e 5mh Poblachd na Frainge ann an 1958 is bha e na cheann-suidhe bho 1959 gu ruige 1969. S’ e Général de Gaulle neo gu sìmplidh Le Général an t-ainm a tha airsan anns an Fhraing, ged an tug a chuid nàmhaidean am far-ainm "La Grande Zhora" air.

Teaghach agus Foghlam [deasaich]

S’e mac Henri de Gaulle (18481932), saighdear agus mhaighstir sgoile agus Jeanne Maillot (18601940) a bh’ann. Bha an teaghlach aige uabhasach caitligeach. Phòs athair ris a’ cho-ogha Jeanne ann an 1886. Bha freumhan iar-fhlaitheach à Normandaidh agus Burgundaidh aige a bharrachd air na Mac Cartan à Èirinn,[2] agus s’ e ollamh ceilteach ainmeil a bh’ann bràthair-athar. Chaidh e dhan sgoil Stanislas ann an Paris. Leugh de Gaulle Maurice Barrès, Henri Bergson agus Charles Péguy. Bha e na oileanach aig an Sgoil Saighdearachd Saint-Cyr bho 1908 gu ruige 1912. Chaidh e dhan 33mh rèisimeid-coise an dèidh sin, is e fon sheanailear Philippe Pétain. Phòs e ri Yvonne Charlotte Anne Marie Vendroux ann an 1921 is fhuair iad triùir duine-chloinne, Philippe (a rugadh ann an 1921), Élisabeth (a rugadh ann an 1924) agus Anne (19281948. Bha Downs aig Anne.

Ro 1940 [deasaich]

Ghabh e pàirt mar shaighdear anns A’ Chogadh Mhòr. Fhuair e deagh chliù ri linn a’ chogaidh sin. Chaidh e leòinte iomadh turas agus dh’fhàs e a bhith na chaiptean. Chaidh e a chur an greim leis na Gearmailtich aig Verdun ann an 1916, ach dh’fheuch e ri teiche air ais dhan chogadh còig tursan.[3] Ghabh e pàirt ann an cogadh ri taobh na Pòlainnich an aghaidh na Ruisianich eadar 1919 agus 1921. Bha e an sàs fad na 20an is na 30an anns an iomairt airson tancaichean is plèanaichean cogaidh a bhrosnachadh, is e dhen bheachd gum biodh an stuth seo an dòigh na b’ fheàrr airson staing cogadh na trainnsichean a sheachnadh anns na làithean ri teachd. Fiù’s sgrìobh e leabhraichean mun chuspair. Gu mì-fhortanach, cha robh seanailearan na Frainge air an aon ràmh is thog iad mur dìon, La Ligne Maginot, an aghaidh tancaichean is plèanaichean fhaighinn. Bha na smuaintean aige glè chudromach dha na Gearmailtich agus chleachd iad na sgrìobh de Gaulle an aghaidh na Frainge anns a’ Chogadh Thàirneanaich (Gearmailtis: Blitzkreig).[4] Leugh Hitler ann leabhar a sgrìobh e mu dheidhinn a’ chogaidh ùire, Vers l’Armée de Métier (Gu ruige Arm proifeiseanta) (1934).[5]

An Dàrna Cogaidh [deasaich]

Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh e ainmeachadh na cheann-fheadhna eadar-amail,[6] is e os cionn ionnsaighean soirbheachail le tancaichean an aghaidh na Gearmailtich ann an 1940.[7] An dèidh Tuiteam na Frainge, theich e na fhògarrach gu Sasainn is chuir e air dòigh Feachdan Saora ne Frainge (Fraingis: Forces Française Libres) còmhla ri feadhainn bhon riaghaltas a bha nam fògarraich thall ann an Lunnainn cuideachd. Bha na mìltean dhe Fraingich nam fògarraich thall thairis aig an àm an dèidh Dunkirk. Thall ann an Sasainn, rinn e oraid ainmeil, ris an canar A’ Ghairm (Fraingis: L’Appel)[8] air an radio air an 18mh latha dhen Ògmhios 1940,[9] is e ag iarraidh air an nàisean a chur an aghaidh na Gearmailtich nàsach. Thuirt e: “Tha an Fhraing air batail a chall, ach chan eil An Fhraing air an cogadh a chall fhathast”.[10] Ghabh e pàirt mar cheannard nam Frangach anns na h-iomairtean an aghaidh nan Nàsach air feadh na Roinne Eòrpa agus chaidh e a-steach gu Paris air 25mh latha dhen Lùnasdal 1944.[11] Bha e na phrìomhaire ann an riaghaltas eadar-amail na Frainge an dèidh an t-Saoraidh ann an 1944 is chuir e na feachdan aige air ais do Vietnam, Cambodia agus Laos, a bha airson a bhith an cuid neo-eiseimileachd a ghairm bhon an Fhraing.[12] Leig e dheth am poileataigs ann an 1944, air sàilleabh sabaidean poiliteagach is chuir e seachad dà bhliadhna deug far a’ bheatha phoblach.

Poileataigs [deasaich]

Thill e dhan riaghaltas le taic bho na seanailearan airson staing phoiliteagach a sheachnadh ann An Cèitean 1958.[13] Stiùirich e sgrìobhadh Bun-Reachd ùr gus Còigeamh Poblachd na Frainge a stèidheachadh, is chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe an ath-bhliadhna.[14] Mar cheann-suidhe na Dùthcha, chuir Charles de Gaulle stad air a’ mhì-riaghailt phoiliteagach agus an ainneart a bh’ann mus do thill e dhan riaghaltas. Aig an toiseach chuireadh e taic dhan riaghaltas Frangach ann an Aildiria ach, gu connspaideach, cho-dhùin e neo-eisimeileachd a thoirt gu Aildiria mu dheireadh thall. Chuir sin stad air cogadh cosgail mì-chòrdte, ach bha An Fhraing air a sgaradh. Dh’ùraich e an t-airgead ann Am Faoilleach 1960 airson smachd a ghabhail air na h-atmhorachd is gus fàs a thoirt dhan eaconomaidh.[15] Bha De Gaulle an sàs ann an leasachadh na h-armachd niùclasach agus bhrosnachadh e polasaidhean airson an Roinn Eòrpa gu lèir, is e a’ feuchainn ri buaidh Na Stàitean Aonaichte is Sasainn a lùghdachadh. Thug e An Fhraing à NATO,[16] is bha e an aghaidh gun d’fhuair An Rìoghachd Aonaichte ballrachd Coimhearsnachd na Roinn Eòrpa. Choinnich e An t-Sìona Comunnach.[17] Aig deireadh na cùise, bha e cho connspaideach gun d’fhuair e dubh-chàineadh bho na luchd-dùbhlain, gu h-àraidh na Comannaich is na Sòisealaich, is b’fheudar dha trioblaidean mòra a shabaid ann An Cèitean 1968, is na h-oileanaich is na luchd-obrach a’ togail fianais anns na sràidean. Leig e dheth a dreuchd ann an 1969,[18] ach ‘s e an ceannard poiliteagach na Frainge as chudromaiche nar làithean gus an latha an-diugh a bh’ann.

A bharrachd air sin stèidhich e deagh chàirdeas eadar An Fhraing agus A’ Ghearmailt, air an togadh Aonadh na Roinne Eòrpa.[19] Bha connspaideach thall ann an Canada far an tuirt e gu poblach gu robh e airson neo-eisimeileachd Quebec is e air turas oifigeil aig an àm.[20]

Bàs [deasaich]

Chaochail de Gaulle aig an taigh ann an Colombey-les-Deux-Églises air an 9mh latha dhen Shamhain 1970 le at-cuisle.[21] Bha e faisg air a bhith ochdad bliadhna a dh’aois. Nuair a bhàsaich e thuirt ceann-suidhe na dùthcha gu robh An Fhraing na banntrach às aonais de Gaulle.

Ceanglaichean A-mach [deasaich]

Iomraidhean [deasaich]

  1. J Bradford-Delong
  2. Charles de Gaulle
  3. Charles de Gaulle
  4. History Learning Site
  5. J Bradford-Delong
  6. J Bradford-Delong
  7. Charles de Gaulle
  8. France Libre
  9. Charles de Gaulle
  10. Brainy Quotes
  11. Charles de Gaulle
  12. Herdote
  13. BBC
  14. J Bradford-Delong
  15. Arte Historia
  16. Arte Historia
  17. J Bradford-Delong
  18. BBC
  19. Arte Historia
  20. CBC
  21. J Bradford-Delong