Colombey-les-Deux-Églises
O Uicipeid
Colombey-les-Deux-Églises
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 48° 13’ 27 Tuath 04° 53′ 12 Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 73.63 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 688 (2006) | ||||
| Dlùths | 9.34/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
‘S e baile beag air an àirde an ear-tuatha na Frainge a th’ ann am Colombey-les-Deux-Églises (IPA: kɔlɔ̃bɛ le døz:eɡliz). Tha e suidhichte aig 347m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Blaise, anns an sgìre (Fraingis: Département) Haute Marne anns an roinn (Fraingis: Région) Champagne-Ardennes, 201km air falbh bho Pharis, Prìomh-bhaile na dùthcha, agus 300km bho Lille.[2] Tha àireamh-sluaigh dhe 688 aig a’ bhaile.[3] ‘S ann às an fhacal Laideann columbarium (taigh-chalman) a th’ann an t-ainm. Chaidh an t-ainm atharrachadh aig àm Ar-a-mach na Frainge bho Colombey-La-Montagne (Taigh-chalman na Beinne) gu Colombey-les-Deux-Églises (Taigh-chalman leis an dà eaglais).
Susbaint |
Daoine Ainmeil [deasaich]
- Chaochail Charles de Gaulle an seo ann an 1970.