Ynys Enlli

O Uicipeid

Co-chomharran: 52°46′N 4°47′E / 52.76°N --4.79°E / 52.76; --4.79

Sealladh air an eilean Ynys Enlli

'S e eilean a th' ann an Ynys Enlli (Beurla: Bardsey Island) a tha suidhichte mu 1.9 mìle (3.1 km) san iar-dheas an leth-eilean Llŷn ann an Gwynedd, a' Chuimrigh.[1] 'S e seo an ceathramh eilean as motha a th' anns a' Chuimrigh.

Canar "Eilean nan 20.000 Naoimh" ris cuideachd. Tha an t-ainm Cuimreach a' ciallachadh "Eilean anns an t-sruth", ach tha an t-ainm Beurla a' ciallachadh "Eilean nam Bàrd" [2] no is dòcha Eilean "Barda" a-rèir ceann-cinnidh Lochlannach.

Tha Ynys Enlli mu 0.6 mìle (1.0 km) a leud, 1.0 mìle (1.6 km) a dh'fhaid agus cho mòr ri 1440 acair (0.69 sq mi). [3] Ann an ceann a tuath an eilein tha a' bheinn Mynydd Enlli ann; tha e mu 548 troigh (167 m) a dh'àird.[4] San taobh an iar tha an dùthaich rèidh agus math airson àiteachais. Nas fhaide san taobh a deas tha an t-eilean a' fàs caol gus nach bi ach tairbeart ann a bhios ga cheangail gu leth-eilean eile air a bheil taigh-solais.[5] Bho 1974 a-mach tha e na phàirt dhen choimhearsnachd Aberdaron.[6]

Tha Ynys Enlli ainmeil cuideachd airson fiadh-bheathaichean agus cruth garbhanach na tìre. Chuireadh amharc-lann eòin air bhonn ann an 1953, air sgàth 's gu bheil an t-eilean suidhichte air slighean cudromach nan eun.[7] 'S e àite tarraingeach airson sgrailean (Puffinus puffinus) agus cathagan nan casan dearg (Pyrrhocorax pyrrhocorax); tha cruth na tìre nach eil air a mhilleadh a' leigeil leotha neadachadh.[8] Is e aon de na h-àitichean as fheàrr ann an Gwynedd gus ròin ghlasa fhaicinn, agus tha na h-uisgeachan timcheall air an eilean làn pheileagan is leumadairean.[7] Bho 1986 a-mach 's e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a th' ann an Ynys Enlli .[9]

St Mary's Abbey

'S e àite cudromach a thaobh creideamh a th' ann cuideachd bhon àm nuair a chaidh abaid Naomh Moire (Beurla: St Mary's Abbey) a thogail an seo ann an 516 le Naomh Cadfan.[10] Anns na Meadhan aoisean 's e aon de na prìomh àitichean taistealachd a bh' ann. Ann an 1188 bha manaich na h-abaide a' gabhail ris a' chreideamh Cheilteach fhathast ach ann an 1212 bha an abaid aig na Augustinian Canons Regular.[11] Chaidh na manaich a sgaoileadh agus an togalach a sgriosadh le Rìgh Eanraig VIII ann an 1537,[12] ach tha an t-eilean fhathast tarraingeach don luchd-creideamh gus an latha an-diugh.[12]

Tha àite sònraichte aig Ynys Enlli ann an cultar na Cuimrigh air sgàth 's gur e eilean iomallach làn spioradalachd a th' ann, agus tha cuid a' cur an cèill gur e àite tìodhlacaidh King Arthur a th' ann cuideachd. Mar sin tha e tarraingeach do sgrìobhadairean, neach-ealain is luchd ciùil.[13]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Location
Location
Ynys Enlli
Suidheachadh Ynys Enlli anns a' Chuimrigh
  1. Encyclopaedia Britannica : Bardsey Island A' tarraing air 2009-08-16
  2. Samuel Lewis, A Topographical Dictionary of Wales, 1849, S. Lewis and Co, London, 474 duilleag
  3. Ynys Enlli”. Natural Resources Wales. Air a thogail 27.5. 2014.
  4. Cycling North Wales : Cycle Ride from Aberdaron A' tarraing air 2009-08-16
  5. Gwynedd Archaeological Trust : Bardsey A' tarraing air 2009-08-16
  6. Ordnance Survey : Election Maps : Gwynedd A' tarraing air 2009-08-16
  7. 7.0 7.1 British Broadcasting Corporation : Wildlife Haven A' tarraing air 2009-08-16
  8. Countryside Council for Wales : Core Management Plan Including Conservation Objectives for Clogwyni Pen Llŷn SAC A' tarraing air 2009-08-16
  9. British Broadcasting Corporation : Bardsey Island A' tarraing air 2009-08-16
  10. British Broadcasting Corporation : Island of 20,000 Saints A' tarraing air 2009-08-16
  11. University College London Institute of Archaeology : Bardsey Island A' tarraing air 2009-08-16
  12. 12.0 12.1 Bardsey Island Trust : The Island : History A' tarraing air 2009-08-16
  13. Bardsey Island Trust : Enlli and the Arts A' tarraing air 2009-08-16

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: