Jump to content

United Kingdom Libertarian Party

O Uicipeid
United Kingdom Libertarian Party
Pàrtaidh phoileatagach
Cur air cois2008 Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Ball deEurope of Freedom and Direct Democracy, International Alliance of Libertarian Parties Deasaich
Political alignmentright-wing Deasaich
Ideòlas poilitigeachlibertarianism, Euroscepticism Deasaich
Prìomh-àite rianachdBrighton Deasaich
SRGB color hex tripletFDC808 Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.libertarianpartyuk.com Deasaich

'S e an Libertarian Party buidheann poilitigeach 'san Rìoghachd Aonaichte a bhios a moladh poileasaidhean Libertarian.[1]. Chaidh a stèidheachadh air 1 dhen Fhaoilleach 2008 fo stiùireadh Patrick Vessey agus chaidh an clàradh leis an Electoral Commission air 21 an t-Samhain 2007[2]. Tha am pàrtaidh air ùidh sònraichte a thogail anns am blogosphere. Tha iad ag gu bheil feallsanachd libertarian na “eaglais fosgailte”, ach tha iad gan cuir fhèin air adhart mar bhuidheann a tha “an ìre mhath an aghaidh stàit mòr” agus gu h-àraidh airson siostam malairt shaor. Air 3 Màirt 2008 chuir iad a mach a chiad pìos fiosrachadh aca mu poileasaidhean am pàrtaidh agus iad ag ràdh gun cuireadh iad às do chìs teachd-a-steach. A bharrachd air an sin tha iad airson inbhe laghail a thoirt do dhrogaichean cleasachail, cuir às don minimum wage – mu’n seo tha iad den bheachd gur è th' ann ach “bacadh neo-fhialaidh air malairt shaor. Tha è a cuir prìs mì-nàdarrach air cosgais obair agus mar seo, ga dhèanamh nas duilich airson luchd-obrach aig nach eil mòran sgilean obair a lorg, agus mar sin nas duilich fhathast eòlas agus trèanadh fhaighinn.” Tha am pàrtaidh cuideachd airson cothrom a thoirt do dhaoine gunnaichean a chleachdadh gu laghail agus, mar sin, tha iad an aghaidh an 1986 firearms act. Air an 17 den t-Sultain 2008 leig Patrick Vessey dheth a dhreuchd mar ceannard am pàrtaidh agus ghabh Ian Parker-Joseph àite.[3].


  1. "The UK Libertarian Party - Welcome". Retrieved 2008-06-15.
  2. "Register of Political Parties Libertarian Party". Retrieved 2008-07-15.
  3. "Libertarian Party Leadership". 2008-09-17. Retrieved 2008-09-20.

Làraichean eile

[deasaich | deasaich an tùs]