Jump to content

Tri Yann

O Uicipeid
Tri Yann
musical group
Cur air cois1969 Deasaich
NameTri Yann, Tri Yann an Naoned Deasaich
Work period (start)1970 Deasaich
Work period (end)2021 Deasaich
DiscographyTri Yann discography Deasaich
Stèidhichte leJean Chocun, Jean-Paul Corbineau, Jean-Louis Jossic Deasaich
Location of formationNaoned Deasaich
Record labelSony Music Deasaich
Country of originAn Fhraing Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.tri-yann.com Deasaich

'S e còmhlan-ciùil bho Naoned/Nantes anns a' Bhreatainn Bheag 'san Fhraing a tha ann an Tri Yann (Breatannais airson "Trì Iain"). Bidh iad a' cluich ceòl Ceilteach le ceangal làidir ri dualchas na sgìre.

Thòisich am buidheann ann an 1971 le Jean Chocun, Jean-Paul Corbineau agus Jean-Louis Jossic - agus tha iad uile ann fhathast - agus 's ann is coireach ris a seo a thagh iad an t-ainm Tri Yann an Naoned ('S e "Yann" am Breatannais airson "Jean").

'S iad am buidheann ceilteach is ainmeile anns an Fhraing agus aon de na còmhlan-ciùil is aosd ann an ceòl Breatannais agus iad air fuireach ri chèile bho an "ath-bheòthachadh" ann an ceòl traidiseanta na 1970an.

Am measg na h-òrain is ainmeile aca tha "La Jument de Michao" ("j'entends le loup, le renard et la belette" no 'sa Ghàidhlig : Cluinnidh mi am madadh-allaidh, an t-sionnach agus an easag) agus "Les Prisons de Nantes" (Ann am prìosan Nantes).


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: