Jump to content

Tormod MacGill-Eain

O Uicipeid
Tormod MacGill-Eain
Beatha
Breith Glaschu, 26 dhen Dùbhlachd 1936
Dùthaich  Alba
Bàs 31 dhen Lùnastal 2017
Foghlam
Foghlam Acadamh Bellahouston
Oilthigh Ghlaschu
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, comaig stand-up, seinneadair, pìobaire, neach-teagaisg, preasantair telebhisein, actair telebhisein agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd
Inneal-ciùil guth

'S e neach-ciùil, pìobaire, bàrd, sgeulaiche, ùghdar, cleasaiche, craoladair agus "stand-up" a bh' ann an Tormod MacGill-Eain (Beurla: Norman MacLean; 1936–2017[1]).

Anns aʼ bhliadhna 1967, choisinn e an dà chuid Crùn na Bàrdachd agus Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich aig aʼ Mhòd Nàiseanta, an aon duine riamh a rinn sin. Bha prògram telebhisean aige fhéin, air an robh Tormod air an Telly, far an do rinn e spòrs is fealla-dhà agus tha e gu math ainmeil air feadh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd.

Rugadh e ann an 1936 ann an Glaschu do theaghlach eileanach ann an Glaschu. Thogadh e còmhla ri càirdean ann an Grìminis, Beinn na Faoghla,[2][3] anns an t-Srathan, aig Ceann Loch Airceig ann an Loch Abar, far an robh bràthair a sheanmhar na chìobair, agus an uairsin ann an Uibhist.[1]

Às dèidh foghlaim oilthigh, chaidh e a theagasg ann an Glaschu agus anns an Òban.[1] Bha e cuideachd a' dol air feadh na dùthcha mar sheinneadair 's fear-ciùil pàirt-ùine.

Chuir e na bliadhnaichean mu dheireadh de a bheatha seachad ann an Dalabrog, Uibhist a Deas.[1][4] Bha e 80 bliadhna a dh'aois nuair a chaochail e ann an 2017.[1]

Obair anns na Meadhanan

[deasaich | deasaich an tùs]

B' ann anns an 1970an a choisinn e cliù anns na meadhanan leis a' phrògram Tormod air Telly - a' chiad phrògram comadaidh Ghàidhlig.[1] Sa phrògram, sgrìobh e agus bha e ri cleasachd ann an sgeidsichean èibhinn, a bharrachd air a bhith a' seinn agus ag innse sgeulachdan. Thathas ag ràdh nach b' aon uair a chaidh banais a stad ach am faiceadh na bha an làthair Tormod air an telebhisean.[1]

Bho na 1970an gus na 1990an, bha fèill mhòr aig cuirmean air feadh na dùthcha. Air an àrd-ùrlar, bhiodh e ri fealla-dhà, seinn agus ceòl. Thug e a-mach clàran de chomadaidh agus seinn.[1]

Sgrìobhadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e air ceithir leabhraichean a sgrìobhadh sa Ghàidhlig: Keino, Cumhnantan agus, fon tionnsgnadh Ùr-Sgeul, Dacha mo Ghaoil agus Slaightearan. Tha a' chiad fhear mu dheidhinn féis agus adhaltranas, agus an dàrna fear mu dheidhinn nam meadhanan Gàidhlig.[5] Ann an 2009, nochd eachdraidh-beatha ann an clò, The Leper's Bell, sgrìobhte sa Bheurla a-mhàin.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 1.7 BBC Naidheachdan (31mh dhen Lùnasdal 2017): “Luaidh air Tormod MacGill-Eain”. Air a thasglannadh [o http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/41080787] 31mh dhen Lùnasdal 2017. Air a thogail 31mh dhen Lùnasdal 2017.
  2. Tormod MacGill-Eain - Òrain Ùra, Clàran-Ciùil & Naidheachdan Às Ùire”. BBC. Air a thogail 11mh dhen Mhàrt 2018.
  3. Duilleag mu a dhèidhinn aig Tobar an Dualchais
  4. Agallamh dèanta le Guthan nan Eilean ann an Clistore
  5. Moray Watson, (23mh dhen Mhàrt 2011). Introduction to Gaelic fiction. Edinburgh University Press.