Jump to content

Guthan nan Eilean

O Uicipeid

’S e pròiseact ioma-chànanach agus ioma-mheadhanach a th’ ann an Guthan nan Eilean, leis a’ chiad amas a bhith a’ glacadh agus a’ taisbeanadh cànanan nan Eilean Siar mar a tha iad air am bruidhinn sa choimhearsnachd ann an cruth air-loidhne a bhios feumail do luchd-ionnsachaidh. Thòisich e ann an 2005 leis a’ phròiseact Eòrpach POOLS. Ann an compàirteachas ri buidhnean ann an Uibhist, a leithid Chothrom, rinn Sabhal Mòr Ostaig 40 bhidio goirid anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. B’ e sin Sreath a h-Aon a choisinn an European Award for Languages 2007. Chaidh Sreath a-Dhà, a bha fada na bu mhotha, a dhèanamh eadar 2008 agus 2010. Aig deireadh na h-ùine sin bha 150 bhidio uile-gu-lèir rim faicinn saor an-asgaidh air làrach-lìn a’ phròiseict.

O 2011 a-mach tha dòigh obrach a’ phròiseict air atharrachadh. An àite luchd-obrach a bhith a’ dèanamh stuthan bhidio, tha am pròiseact a-nis a’ brosnachadh dhaoine sa choimhearsnachd gu bhith a’ cruthachadh pìosan obrach dhaibh fhèin. Faodaidh iad bhidio no audio a chlàradh, no faodaidh iad teags a sgrìobhadh. An uair sin cuiridh iad air-loidhne e air làrach Ghuthan nan Eilean no, ’s dòcha, air blog a thòisicheas iad fhèin. Cuideachd, bidh am pròiseact a’ cuideachadh bhuidhnean sa choimhearsnachd, a leithid Stòras Uibhist agus Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath, le pròiseactan nas motha aca fhèin.

Taobh ri taobh na h-obrach cruthachail sin, tha pròiseactan rannsachaidh gan ruith a bhios a’ coimhead gu dlùth air mar a tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh agus ga h-ionnsachadh anns a’ choimhearsnachd san latha a th’ ann. Tha sin a’ gabhail a-steach nam meadhanan ùra agus nam meadhanan sòisealta, agus a’ bhuaidh a th’ acasan air cleachdadh a’ chànain anns a’ choimhearsnachd. Tha na h-aithisgean rannsachaidh sin air an cur air làrach a’ phròiseict cuideachd, gus an tèid aig daoine sa choimhearsnachd air an coimhead gu furasta agus gu fosgailte.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]