Teamplaid:Naidheachdan
B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 1898 — 4 Ògmhios 1934).
B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh.
Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr